Wednesday, 13 October 2010

Bòrd na Gàidhlig misneachail le adhartas foghlaim

Tha e nas cudromaiche na bha e riamh gum bi Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth còmhla ri buidhnean saor-thoileach anns a’ choimearsnachd agus le ùghdarrasan ionadail airson foghlam Gàidhlig a leudachadh, a-rèir Cathraiche a’ Bhùird Art MacCarmaig. A’ bruidhinn aig An t-Alltan - co-chruinneachadh de luchd-teagaisg agus daoine an-sàs ann am foghlam ann an Inbhir Nis, thuirt an Cathraiche gur ann ann tro cho-obrachadh èifeachdach a-mhàin a ghabhas ro-innleachdan a lìbhrigeadh.

Bhon chaidh an athaisg Ginealach Ùr na Gàidhlig fhoillseachadh leis a’ Bhòrd grunn mhìosan air ais, thathas air a bhith an coluadar le buidhnean Gàidhlig mun dòigh san gabh na h-amasan anns an athaisg coileanadh. Thuirt Mghr MacCarmaig: “Le bhith a’ cur an gnìomh Ginealach Ùr na Gàidhlig chan eil sinn a’ cur air cùl ri na molaidhean farsaing anns a’ Phlana Nàiseanta. Bidh sinn fhathast a’ togail inbhe agus ìomhaigh na Gàidhlig, a’ toirt taic do na h-ealan Gàidhlig, do rannsachadh agus do dh’fhoghlam aig àrd ìre tro na colaistean agus oilthighean a tha a’ dèanamh obair air leth feumail. Ach tha Ginealach Ùr na Gàidhlig ag amas gu sònraichte air leasachaidhean ann an trì roinnean deatamach: Foghlam ro-sgoile; Cothroman ionnsachaidh do dh’inbhich agus Foghlam anns na sgoiltean. Feumaidh sinn a-nise compàirteachasan èifeachdach a chur air dòigh airson foghlam Gàidhlig leudachadh aig gach ìre.”

Thuirt an Cathraiche gum biodh am Bòrd for-ghnìomach agus dèanadach anns na raointean sin. Chaidh sgioba foghlaim a’ Bhùird a neartachadh le Oifigear Trusadh Luchd-teagaisg agus Oifigear Leasachaidh Foghlaim mar tha, agus bidh Leasaiche ùr Foghlaim aca a dh’aithghearr air ceann an sgioba.

Thuirt Mghr MacCarmaig: “Tha mi airson a bhith soilleir nach eil sinn idir a’ cur cùl ris na buidhnean ionadail a tha ag obair gu cruaidh ann am foghlam ro-sgoile, ged tha cuid a’ cumail a-mach gu bheil. Tha sinn mothachail air na daoine saor-thoileach a tha a’ ruith croileagan agus a’ togail àireamhan chloinne - a’ mhòr chuid a bhios a’ dol air adhart gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha feum air taic nas fhèarr airson na roinne chudromach seo le barrachd chloinne a’ dol a-steach dha na buidhnean agus seirbheis nas fheàrr a bhith aig pàrantan airson foghlam ro-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh nas tarraingaiche dhaibh. Bidh bunait againn an uair sin àireamhan a leudachadh aig ìre bunsgoiltean agus àrd-sgoiltean, far a bheil barrachd chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig a dhìth air stèidh nas fheàrr.”

Thug an Cathraiche cuideachd gun robh fios ann gu bheil corra àite ann far a bheil clasaichean ann le àireamhan miannach beag a ghabhadh lìonadh gun chosgais sam bith a bharrachd agus thuirt e: “Cha bu chòir foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith a’ cosg barrachd do dh’ughdarrasan ionadail ach far a bheil ionad ùr air a stèidheachadh le àireamh beag chloinne an toiseach,” thuirt e. “Cho luath ’sa tha àireamhan chloinne ann an clasaichean Gàidhlig co-ionnan ris na h-àireamhan ann an clasaichean Beurla, bu chòir dha na cosgaisean a bhith an ìre mhath co-ionnan. Feumaidh an Sgeama Tabhartasan Sònraichte sam àm ri teachd a bhith air a cleachdadh airson tuilleadh leudachaidh a dhèanamh agus dleastanas air comhairlean clann fhoghlamachadh anns a’ Ghàidhlig no anns a’ Bheurla.

Dhainginich an Cathraiche beachd a’ Bhùird gu bheil feum air an àireamh de sgoiltean Gàidhlig àrdachadh bho dhà gu sia. “Tha sin gu math follaiseach mar amas aig a’ Bhòrd ann an Ginealach Ùr na Gàidhlig agus tha sinn gu math mothachail air an t-suidheachadh eaconamach. Chan ann a-mhain mu dheidhinn àireamhan luchd-labhairt àrdachadh a tha na h-amasan sin. Tha sinn cuideachd ag iarraidh sùil a chumail air an ìre de dh’fhileantachd a tha clann a ruighinn, agus sin a neartachadh. Feumaidh sinn coimhead air dè tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ ciallachadh airson bun-stèidh a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail agus do na sgoiltean fhèin air na toraidhean a bhitheamaid a’ suileachadh bhuaithe.”