Monday, 12 November 2012

FIOLMADAIREAN ÙRA A’ CUR GLEUS AIR FILMG - ROINN ÙR SAN FHARPAIS A’ SIREADH BHIDIOTHAN CIÙIL

Tha FilmG 2012/2013 air leth toilichte foillseachadh a dhèanamh air com-pàirteachas ùr, brìoghmhor eadar a’ phròiseact is Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour Music, a chuireas gu mòr ri roinn ùr, tharraingeach ann am farpais na bliadhna-sa. Airson a’ chiad uair tha FilmG a’ sireadh bhidiothan ciùil airson òrain Ghàidhlig a tha air a bhith air an ùr-sgrìobhadh agus air an seinn le tàlant òg. Tha an seinneadair-sgrìobhaiche òran Alasdair Whyte, còmhla ris an stiùidio chliùiteach Ghàidhealach Watercolour Music, air ceithir dhe na h-òrain aig Alasdair fhèin a thabhann dhan phròiseact airson an roinn-farpais seo. Tha na h-òrain sin air ‘Las’, a’ chiad chlàr aig Alasdair, a chaidh a riochdachadh le Nick Turner is Màiri Anna NicUalraig aig Watercolour ann an Àird Ghobhar, Loch Abar. Tha an clàr ùr, fo bhratach Watercolour, air moladh sònraichte a chosnadh mar-tha ’s an stuth air fhaicinn mar mòr-thabhartas do sgrìobhadh-òran Gàidhlig. A bharrachd air an sin, tha Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour air cead a thoirt do FilmG agus fiolmadairean cothrom fhaighinn air An Taigh Òran, pròiseact sgrìobhadh-òran ùr-ghnàthaichte a stèidhich Fèisean nan Gàidheal le Stòras Watercolour, companaidh a chaidh a chur air chois, chan ann airson prothaid, le stiùirichean an stiùidio, airson tàlant ciùil Gàidhlig a bhrosnachadh. Thàinig ochd òrain ùra a-mach às a’ phròiseact seo, a’ toirt cothrom do bhuidheann òg stiùireadh is comhairle fhaighinn bho sheinneadairean is luchd-ciùil a tha air cliù a chosnadh mar-tha sa ghnìomhachas, leithid Alasdair Whyte, agus na h-òrain ùra a chlàradh. Thèid cuireadh a thoirt do neach sam bith aig a bheil ùidh ann an bhidio-ciùil a dhèanamh do FilmG, pàirt a ghabhail ann am bùthan-obrach trèanaidh, agus coinneachadh ri Alasdair agus na seinneadairean-sgrìobhaichean eile - Caitlin NicNèill, Ceitidh Nic a’ Ghobhainn, Emma Leitch and Robbie MacLeòid. Thèid a’ bhidio a choisinneas a’ phrìomh dhuais san roinn a shealltainn aig cuirm nan duaisean sa Mhàrt 2013, far an tèid uidheamachd fiolmaidh is gearraidh luach £1000 a bhuileachadh air stiùiriche/riochdaire a’ bhidio. Chaidh FilmG a chur air bhonn le MG ALBA ann an 2008. Thuirt Dòmhnall Caimbeul Àrd-oifigear MG ALBA: “Tha am com-pàirteachas ùr seo a’ gealltainn pòsadh tarraingeach de cheòl ùr ‘s de thàlant mheadhanan, agus tha sinn air leth taingeil airson a’ chothrom a tha Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour air a thabhann dhuinn. ’S e leasachadh sònraichte a tha seo do FilmG agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri na bhidiothan-ciùil fhaicinn an ath bhliadhna.” Thuirt Art MacCarmaig, Fèisean nan Gàidheal: “Bha sinn fìor thoilichte an fheum as fheàrr a dhèanamh den taic-airgid aig IGE, Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig airson òrain ùra Ghàidhlig a chruthachadh ann am com-pàirteachas le Stòras Watercolour. Tha sinn air leth toilichte gu bheil na h-òrain bhon Taigh Òran a’ faighinn leasachadh bhidiothan-ciùil tro FilmG, a’ toirt beatha a bharrachd dhan stuth às dèidh na pròiseact fhèin, agus a’ toirt foillseachadh air a bheil fìor fheum do chruth-ealain a tha airidh air barrachd meas na tha e a’ faighinn.” A rèir Mhairi Ann NicUalraig bho Stòras Watercolour, "Tha a bhith a’ lorg ’s a bhith ag obair le tàlant ùr, cruthachail mar Alasdair daonnan fìor thaitneach, agus bha am brosnachadh a b’ urrainn dhuinn a thoirt do sgrìobhaichean ùra anns an Taigh Òran glè shàsachail cuideachd, gu h-àraidh on a bha sin a’ daingneachadh ceanglaichean làidir le buidheann mar FnG a tha air an aon ràmh bheachdan rinn fhìn. Tha e tarraingeach dha-rìribh a bhith a’ cuideachadh gus seo a thoirt ceum eile agus a’ tabhann cothrom do fhiolmadairean òga. Tha sinn air bhioran gus am faic sinn a’ bhuil."