Thursday, 13 December 2012
Plana Gàidhlig HIE a' nochdadh dealas mòr na buidhne a thaobh cànan agus cultar nan Gàidheal
Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air Plana Gàidhlig ùr fhoillseachadh; le fiosrachadh air na ceumannan a ghabhas a' bhuidheann gus taic a chumail ris a' chànan sa chultar thar nan ath thrì bhliadhna.
Tha Plana Gàidhlig HIE 2012-15 a' togail air deagh rùn na buidhne ann a bhith a' cumail taic le leasachaidhean Gàidhlig; le Bòrd na Gàidhlig air aonta a chuir ris.
Tha Riaghaltas na h-Alba air dleastanas a chuir air HIE plana a dheasachadh agus a chur an gnìomh gus suidheachadh seasmhach a chruthachadh dhan Ghàidhlig.
Tha am plana seo a' dèanamh mìneachadh air amasan HIE gus làn-bhuannachd a thoirt às a' Ghàidhlig chum phrìomhachasan leasachaidh na buidhne – taic ri gnothachasan agus iomairtean sòisealta, neartachadh choimhearsnachdan agus sgìrean dùbhlanach, a' leasachadh roinnean fàis, agus a' cruthachadh na h-àrainneachd airson sgìre fharpaiseach.
Tha e cuideachd a' toirt cunntas air na gnìomhan a tha HIE a' cur an gnìomh gus am bidh barrachd Gàidhlig ri fhaicinn, agus air a chleachdadh, an lìbhrigeadh sheirbheisean na buidhne.
Tha taic bho HIE air cuideachadh a thoirt do bhuidhnean leasachaidh Gàidhlig ann a bhith a tighinn gu bith agus gus cumail a' dol; buidhnean a tha gu mòr air fàs a thoirt air a' Ghàidhlig. Nam measg tha buidhnean a leithid Comunn na Gàidhlig, An Comunn Gàidhealach, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (tro Shabhal Mòr Ostaig), Fèisean nan Gàidheal agus eile.
Le seirbheisean, fiosrachadh, goireasan agus cothroman uile gan toirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig, tha a' bhuidheann gu mòr ag amas air luchd na Gàidhlig a frithealadh nan cànan fhèin.
Tha Plana Gàidhlig HIE cuideachd ag amas air barrachd àite a thoirt dha fèin-aithne Gàidhealach na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus air spèis cho-ionnanach a thoirt dhan Ghàidhlig is dha Beurla – rud a tha aig cridhe an reachdais a tha a' dìon a' chànain agus chòirichean a luchd-labhairt.
Thuirt Raonaid Nic Carmaig, Stiùiriche HIE airson Neartachadh Choimhearsnachdan, "Tha mi air leth toilichte Plana Gàidhlig HIE 2012-15 fhoillseachadh. Tha àrd-amas a' Phlana a' nochdadh deagh rùn HIE a thaobh na Gàidhlig ann an leasachadh agus brosnachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean."
"Tha rannsachadh ga chumail an-dràsta le HIE air buaidh na Gàidhlig air leasachadh eaconamach agus sòisealta sa sgìre agus air a' chomas na lùib mar bhuannachd mòr, sònraichte dhuinn.
"Tha am Plana Gàidhlig ùr seo ag amas air spionnadh agus leasachadh ùr a thoirt air an dòigh sa bheil Gàidhlig a' cur ri obair na buidhne ann a bhith a' cruthachadh choimhearsnachdan beothail, maireannach agus fàs seasmhach san eaconamaidh."
Thuirt an Leasaiche Cànain Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag: "Tha e cudromach gum bi ùghdarrasan poblach a' brosnachadh agus a' libhrigeadh sheirbheisein gu coimhearsnachd na Gàidhlig tro na planaichean Gàidhlig aca fhèin, airson adhartas a dhèanamh air na prìomhachasan leasachaidh a th' anns a' Phlana Nàiseanta. Tha dleastanas cudromach aig HIE fhèin mar bhuidheann le luchd-obrach agus àitean-obrach thar na roinn, ach cuideachd tro leasachaidhean pròiseactan sòisealta agus eaconamach."