Monday, 6 August 2012
Bòrd na Gàidhlig ag aithris air an t-soirbheachadh ann an 2011/12 agus a’ coimhead air adhart ri 2012/13
Tha Bòrd na Gàidhlig air an Aithisg Bhliadhnail airson na bliadhna ionmhais 2011/12 a chur fa chomhair na Pàrlamaid agus air a foillseachadh an-diugh, a’ togail air raon fharsaing de thaic ionmhasail is gnìomhach do choimhearsnachdan, buidhnean agus daoine fa leth air feadh Alba.
Chaidh maoineachadh a bhuileachadh air 256 tagraiche gu h-iomlan, a’ gabhail a-steach 70 tabhartas do sgeamaichean Tràth-Bhliadhnaichean is Foghlaim agus 186 tabhartas do bhuidhnean coimhearsnachd, buidhnean Ealain agus buidhnean poblach a’ gnìomhachadh Phlanaichean Gàidhlig.
Tha an Aithisg Bhliadhnail mar aon de na sgrìobhainnean conaltraidh ro-innleachdail as cudromaiche don bhuidheann, a’ mìneachadh na tha a’ bhuidheann air a choileanadh sa bhliadhna a dh’fhalbh agus a’ coimhead air adhart ris a’ bhliadhna a tha ri teachd.
A’ togail air na coileanaidhean a tha air am mìneachadh san aithisg, thuirt Cathraiche Eadar-amail Bòrd na Gàidhlig, Ealasaid Nic an t-Saoir: “Is ann le toileachadh a tha sinn comasach air Aithisg Bhliadhnail na bliadhna seo a chur fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba, an dèidh ainm a chuir rithe air 19 Òg-mhios, a’ daingneachadh an adhartais nach beag a tha ri fhaicinn sa Bhòrd thar na bliadhna a chaidh seachad. Tha an ùine seo air a bhith glè dhùbhlanach don Bhòrd ann an liubhairt ar prògram ghnìomhachdan àbhaisteach a thuilleadh air a bhith a’ cruthachadh am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr, ach a dh’aindeoin sin tha iad air an dearbhadh soirbheachail. A’ coimhead thar nan trì roinnean sa bhuidheann, tha an Aithisg a’ toirt iomradh air gnìomhachdan a tha a’ taisbeanadh tòiseachadh barraichte a dh’ionnsaigh liubhairt a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig agus a’ comharrachadh nan raointean air am bithear a’ cuimseachadh gu sònraichte sa bhliadhna a tha romhainn.”
Mar a h-uile buidheann a tha a’ faotainn maoineachadh poblach, tha Bòrd na Gàidhlig air a sgrùdadh gu cunbhalach a-muigh agus a-staigh. Tha seo a’ cumail suas agus a’ neartachadh riaghladh air an taobh a-staigh agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann a’ leantainn air adhart a’ cosg mhaoinean gu h-èifeachdach. Is e Bòrd na Gàidhlig a’ chiad bhuidheann poblach air a sgrùdadh le Sgrùdadh Alba a chuir ainm ri Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan am bhliadhna, gu dà-chànanach.
Thuirt an t-Àrd-Sgrùdaire aig Sgrùdadh Alba, Asif Haseeb: “’S e urram a th’ ann dhomh agus tha mi fìor thoilichte m’ ainm-sgrìobhte a chur ris an tionndadh Ghàidhlig den teisteanas sgrùdaidh. ’S e seo a’ chiad uair do Sgrùdadh Alba; ’s e aon de na prìomhachasan as cudromaiche a th’ againn a bhith a’ cumail bhuidhnean poblach cunntachail agus a’ dèanamh sin gu poblach, agus tha foillseachadh ann an Gàidhlig is Beurla a’ cur taic ris an seo. Tha e a’ fàgail ar n-obair agus ar toraidhean so-ruigsinneach do dhiofar raointean den choimhearsnachd agus tha e a’ cur taic ri ar dealais a thaobh aithneachadh agus dèanamh luaidh air iomadachd na h-Alba.”
Subscribe to:
Posts (Atom)