Monday, 27 April 2009

'S Ann an Ile

'S Ann an Ile

Sreath de cheithir phrògraman a’ toirt sùil air coimhearsnachd Eilean Ìle tromh sgàthan na Gàidhlig.

Bidh ‘S ann an Ìle ri fhaicinn air BBC Alba gach feasgair Diardaoin bhon 23mh dhen Ghiblean aig 8:30pm. Bidh ath-chraoladh dha gach prògram ri fhaicinn air Didòmhnaich aig 10:00pm.

23mh dhen Ghiblean – Prògram 1
Pòsadh an-àbhaisteach, agus an t-eilean a' lìonadh le daoine a' cruinneachadh airson Fèis Ìle - le ceòl is mac-na-braiche. Bidh sinn cuideachd a’ coinneachadh ris an fheadhainn òga anns an Ionad Ghàidhlig aig Bun Sgoil a’ Bhògha Mhòir.

30mh dhen Ghiblean – Prògram 2
Am Mòd ionadal is trainge agus as fheàrr a bh'aca ann am fichead bliadhna. Innsidh Grahame Allison, nach buin dhan eilean, mar a chaidh a ‘thoirt timcheall’ gu Gàidhlig. Comhluadar eadar Gàidheil Ìle agus Gàidheil na h-Èireann mun dualchas a bhuinneas dhaibh le chèile.

7mh dhen Chèitean – Prògram 3
Bliadhna-sgoile ùr - agus sgoileirean ùra - aig Aonad Gàidhlig Bun Sgoil a' Bhogha Mhòir.  Agus Ìle a' gabhail sìnteag air thoiseach anns an t-saoghal cumhachd leantainneach, le toradh cumhachd ga thoirt bho stuaghan na mara.

14mh dhen Chèitean – Prògram 4
Deòir ann an sùilean a' chòisir aig a' Mhòd Nàiseanta. Daoine a roghnaich fuireach an Ìle a' dèanamh an dìcheall Gàidhlig ionnsachadh; Donnchadh MacGilleBhràth a' faighinn rùn òg a' chridhe: a' càradh pufair 'Para Handy'.

Tha BBC ALBA ri fhaicinn air SKY 168 agus Freesat 110.