Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air an naidheachd bho Mhinistear na Gàidhlig, Michael Russell, gum bi Comhairle na Gàidhealtachd a’ faotainn buannachd bho riarachadh de £1.5 millean airson solar ann an sgìre na Gàidhealtachd a mheudachadh.
Bidh an tasgadh ùr bho Mhaoin Calpa Sgoiltean Gàidhlig a’ cruthachadh barrachd àiteachan ann am foghlam Gàidhlig air feadh na dùthcha agus bidh Comhairle na Gàidhealtachd a’ comharrachadh làraich fhreagarrach a dh’aithghearr airson sgoiltean Gàidhlig fa leth a stèidheachadh ann am Port Rìgh agus sa Ghearasdan. Bheir am maoineachadh seo cead don Chomhairle adhartas a luathachadh air na pròiseactan sin.
Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha mi a’ cur fàilte air an naidheachd bho Mhìcheal Russell an-diugh a thaobh riarachadh de £1.5m de mhaoin calpa a thaobh Comhairle na Gàidhealtachd a chuideachadh gus sgoiltean Gàidhlig fa leth a stèidheachadh anns a’ Ghearasdan agus ann am Port Rìgh. Tha Comhairle na Gàidhealtachd ri moladh airson stèidheachadh dà sgoil Ghàidhlig ro 2011 a bhith mar aon de na prìomh phròiseactan an taobh a-staigh a’ Phlana mhath Gàidhlig aca, agus tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith a’ cur taic ri oidhirpean bhuidhnean de Chomann nam Pàrant anns an dà sgìre gus na sgoiltean sin a chur air bhonn.”
“Aig àm nan co-chomhairlean reachdail a chaidh a chumail san dà sgìre an-uiridh, rinn am Bòrd am beachd soilleir gum biodh feum air barrachd sgoiltean Gàidhlig fa leth ma tha sinn a’ dol a thogail ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha am beachd seo ann an co-chòrdadh ri amas nam Ministearan ann a bhith a’ dèanamh cinnteach às ginealach ùr de luchd-labhairt. Tha sgoiltean fa leth a’ tairgsinn mòran a bharrachd chothroman air briathrachas nas fharsainge fhaotainn agus nas motha cleachdaidh a dhèanamh air a’ Ghàidhlig taobh a-muigh an t-seòmair-sgoile.
Bu chòir gum brosnaicheadh barrachd cothrom air a’ chànan a chleachdadh nas motha miann gus a chleachdadh, nì a tha deatamach ma tha sinn a’ dol a thogail ginealach de dhaoine òga a bhios a’ cleachdadh na Gàidhlig gu cunbhalach.”
Thuirt Mgr MacCarmaig cuideachd gun robh am Bòrd a’ coimhead air an leasachadh làithreach seo mar cheum shònraichte ann an gnìomhachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig, le bhith a’ tairgsinn taic do phàrantan ann an coimhearsnachdan far a bheilear air a bhith a’ sireadh sgoiltean Gàidhlig rè ùine gus an coilean iad an aon ìre de fhàs agus de shoirbheachadh ris na sgoiltean ann an Glaschu agus Inbhir Nis.
Chuir e ris an sin: “Bu toil le Bòrd na Gàidhlig ùghdarrasan ionadail air feadh na h-Alba fhaicinn a’ tòiseachadh air feumalachdan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na sgìrean aca a ghabhail os làimh, leis an amas a bhith ag adhartachadh chothroman agus ruigsinneachd air a’ Ghàidhlig. Tha fìor eisimpleir den seo ann an Lannraig a Tuath aig an àm seo. Tha sinn mothachail de rannsachadh anns na h-Eileanan Siar o chionn ghoirid, far an robh mar eisimpleir, a’ mhòr-chuid de phàrantan ann an grunn choimhearsnachdan a’ cur air adhart am beachd gum bu chòir an sgoil san sgìre aca a bhith na sgoil Ghàidhlig. Tha sinn cuideachd a’ cur taic ri Comann nam Pàrant ann an Dùn Èideann far am faodadh sgoil Ghàidhlig fa leth a bhith gu tur freagarrach. Tha sinn an dòchas gun samhlaich stèidheachadh dà sgoil ùr air a’ Ghàidhealtachd soirbheachadh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, agus gun toir e misneachd do phàrantan anns gach àite a dhol a dheasbad ri an ùghdarrais ionadail a thaobh sgoil Ghàidhlig sa choimhearsnachd aca fhèin