Friday, 4 September 2009

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an tuilleadh taic bhon Riaghaltas airson foghlam Gàidhlig

Bidh barrachd cothroman ann do phàrantan an cuid chloinne a chur gu sgoiltean Gàidhlig, le goireasan nas fheàrr, tro thaic airgid a tha an Riaghaltas a’ cur gu sgoiltean Gàidhlig bho Stòras Calpa nan Sgoiltean Gàidhlig.

Chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air an naidheachd a chaidh fhoillseachadh nas tràithe an diugh le Ministear na Gàidhlig Mìcheil Russell gu bheil Comhairle Baile Ghlaschu air £500,000 fhaighinn ach an leasaichear Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, far a bheil àireamh chloinne air a bhith a’ sìor dhol an àird anns na bliadhnaichean as tràithe. Thèid an t-airgead a chosg air clasaichean ùrachadh.

Thuirt Cathraiche a’ Bhùird, Art MacCarmaig: “ Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air bhith air leth soirbheachail agus tha Comhairle Baile Ghlaschu agus a’ bhuidheann taice Comann nam Pàrant Glaschu rim moladh airson na rinneadh chun na h-ìre seo. Tha an àireamh chloinne anns an sgoil nis a’ dearbhadh gum faodaiste an dàrna sgoil a chur air adhart anns a’ bhaile. Tha e fìor chudromach gu bheil comhairlean eile mothachail air na th’ air a bhith a’ tachairt an seo, gun aithnich iad far a bheil iarrtasan a’ nochdadh agus gun gluais iad son sin a choileanadh. Bu chòir a bhith mothachail cuideachd air na rinneadh le na pàrantan fhèin ann an Glaschu, agus tha sin air a bhith fìor chudromach an seo. Bu chòir do phàrantan eile air feadh na dùthcha misneach a ghabhail bhon adhartas seo agus a bhith cinnteach asta fhèin a’ dol air adhart gu bhith an coluadar le ùghdarrasan ionadail ma tha iad airson leasachaidhean ann am foghlam Gàidhlig a chur air adhart anns na sgìrean agus coimhearsnachdan dham boin iad.

Tha Bòrd na Gàidhlig gu math cinnteach gu bheil feum air barrachd sgoiltean Gàidhlig ma tha sinn a’ dol a chruthachadh ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha sinn air an aon ràmh ri Ministear na Gàidhlig mun sin. Tha sgoiltean Gàidhlig a’ tairgse chothroman nas èifeachdaiche a bhith a’ cur ri dòighean ionnsachaidh agus briathrachas a thogail agus a’ tabhann barrachd chothroman cleachdaidh. Bu mhath le Bòrd na Gàidhlig gum biodh barrachd ùghdarrasan ionadail air feadh Alba mothachail air an iarrtas a th’ ann airson sgoiltean Gàidhlig leis an amas a bhith againn uile a bhith a’ toirt barrachd chothroman do dhaoine a bhith nam pàirt dhen leasachadh.”

Tha am Ministear cuideachd air ainmeachadh gum bi Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid a’ faighinn taic airgid £150,000 airson foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart anns an sgìre aca fhèin. Thèid an t-airgead seo a chosg air togalach aig bun sgoil Bhogha Mòr ann an Ìle far a bheil barrachd iarrtais air nochdadh measg chloinne anns na bliadhnaichean as tràithe.
Thuirt Mghr MacCarmaig: “Tha am Bòrd a’ cur fàilte chridheil air an naidheachd seo cuideachd a bheir an cothrom do Chomhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid cur ri na tha a’ tachairt ann am Bogha Mòr. Bidh sinn an dòchas gun cuir seo ris a ghluasad agus gun tig barrachd iarrtasan ’na lùib. Tha fàs anns an t-struth chloinne air leth cudromach ma tha sinn a’ dol a bhuinnig ginealach ùr de dh’òigridh a tha fileanta ann an Gàidhlig.

Tha sinn an dòchas gu bheil an dòigh anns a bheil an Riaghaltas a’ stiùireadh airgead calpa gu bhith a’ leasachadh sgoiltean Gàidhlig ’na mhisneach do phàrantan agus gum bi iad deònach gluasad air adhart le iarrtasan gu ùghdarrasan ionadail air feadh na dùthcha airson leasachaidheann ann an Gàidhlig, agus sgoiltean Gàidhlig gu sònraichte, anns na coimhearsnachdan aca fhèin. ’S e fior dheagh naidheachd a tha seo do Ghlaschu, Ìle agus saoghal na Gàidhlig.”