HIE a' cur còrr is leth millean nòta ri leasachadh nam Fèisean air coimhearsnachdan na Gàidhealtachd 's nan Eilean
Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's Eilean (HIE) a' cur £540,000 de dhairgead-tasgaidh a-steach a leasachadh nam Fèisean air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus gu nàiseanta. Bheiridh an airgead-tasgaidh trì bliadhna seo cothrom do Fhèisean nan Gàidheal, a' bhuidhean-taic a chumas taic ri lìonra nam Fèisean, diofar iomairtean ùra a chuir an gnìomh air feadh na sgìre.
Am measg nan iomairtean seo, thig leasachadh air na Cuairtean Cèilidh, air sgoil shamhraidh dràma, air tachartasan Gàidhlig a bheireas teaghlaichean còmhla agus air nithean eile a leithid pròiseact a-chum òrain Ghàidhlig ùra.
Thuirt Uilleam Roe, neach-cathrach HIE, "Tha sinn fàs mothachail air buaidhean mòra nam Fèisean. Tha sinn a' faicinn gu bheil iad a' toirt sgilean is misneachd ùr do dhòigridh, a thuilleadh air mòit mhòr às fèin-aithne Gàidhealach na h-Alba agus barrachd beòthalachd ri coimhearsnachdan na sgìre; a' tarraing daoine air ais agus as ùire don Ghàidhealtachd. 'S ann a tha e air leth iongantach agus gum b' urrainn dhuinne a-nis figearan a chuir mu choinneamh de fèidhir na buaidhean eaconomacadh a th' aig obair nam Fèisean air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, is gu h-àraidh na sgìrean dùbhlanach.
'S ann a tha e a' toirt dhuinne toileachas mòr aontachadh ùr a' ruigsinn le Fèisean nan Gàidheal, mar phàirt de phrògram-taic HIE ri cultar is e a' toirt spionnadh is neart do choimhearsnachdan na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha sinn an dùil gun toir an t-airgead ùr seo leasachadh a bharrachd air comas agus buannachdan Fhèisean na h-Alba."
Thòisich a' chiad fhèis ann am Barraigh tràth sna 1980an. Tha na Fèisean agus iomairtean nan lùib air sgilean-ciùil Gàidhealach a thoirt a-steach do sgoiltean, air luchd-oide ùr a threànadh an sgilean ciùil tradiseanta, agus leasachaidhean a leithid Fèis Blas agus na Cuairtean Cèilidh a thoirt gu bith. Tha Fèisean ionadail a-nis air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus gu dearbha air feadh Alba.
Thuirt Art MacCarmaig aig Fèisean nan Gàidheal: "Tha sinn an comuinn HIE agus gu bheil an taic-airgid bhuapa a' maireachdainn. Cuiridh an t-airgead ùr seo ri diofar iomairtean ùra agus nì e cinnteach gum bi e nar comas taic, taic-airgid is taic-daoine mar an ceudna, cumail ris na Fèisean ionadail. Tha Aithisg Bhliadhnail Fhèisean nan Gàidheal 2009, a theid foillseachadh aig a' Choinneimh Bhliadhnail, a' sealltainn gu bheil mu 36,000 neach a-nis an-sàs ann gnothaichean Fhèisean nan Gàidheal eadar luchd-èisdeachd agus an fheadhainn a tha a' gabhail pàirt. Mur sin, 's urrainnear ag ràdh gu bheil na Fèisean nam pàirt mòr den ghnìomhachasan cruthachail agus gu dearbha a' Ghàidhlig fhèin air feadh na h-Alba.
"Leis is gu bheil an luchd-obrach againn uile stèidhichte air a' Ghàidhealtachd agus air na h-Eilean, tha a' bhuidheann fhèin a' cur gu mòr ri eaconamaidh na sgìre. Thathas a' meas gu bheil Fèisean nan Gàidheal a' cur £4 ri eaconamaidh sgìre HIE mu choinneamh a h-uile £1 a tha HIE a' cosg air Fèisean nan Gàidheal."
Tha a' bhuidhean Fèisean nan Gàidheal a' cumail taic ri 45 Fèisean ionadail, agus thathas a' meas gum bheil iomairtean air fad nam Fèisean a' cumail an ceart uiread ri 100 cosnadh do mhuinntir na h-Alba sa bhliadhna, agus a' cur £7m nòta ri eaconamaidh na dùthcha thar trì bliadhna, is £6m dhen a sin a' tighinn dhan a' Ghàidhealtachd.