Thursday, 3 December 2009

TOISEACH BHÒTAIDH AIR-LOIDHNE AIRSON AN FHILM GHOIRID GHÀIDHLIG AS FHEÀRR LEAT

Fhuair FilmG, co-fharpais-lìn fhilmichean goirid MG ALBA àireamh mhòr de dh’inntrigidhean am-bliadhna, ’s tha iad uile rim faicinn air-loidhne a-nis.

Eadar ’s gur e comadaidh no sgeul taibhse eagalach, sgeulan gnìomha, dànadais no beò-dhealbh, sgeul fìrinneach no faoin-sgeul a th’ ann – bidh rudeigin ann a chòrdas ri gach neach. Tha filmichean againn bho gach ceàrn de dh’Alba, à Canada, à Ameireaga agus eadhon à Eilean Mhanainn.



Am Màgan Dubh, stiùirichte le Raghnaid Sandilands

Chithear gach film air-loidhne aig www.filmg.co.uk far am faod an sluagh am fear as fheàrr leotha a thaghadh gu 15 Am Faoilleach 2010. Bheirear breith orra cuideachd, rè na Dùbhlachd, le ceannardan BBC ALBA agus àrd riochdairean gnìomhachas craolaidh na h-Alba, nam measg, Bill MacLeòid, stiùiriche BBC Scotland, Patsi NicCoinnich, riochdaire STV agus Carole Sheridan, Ceannard Tàlant Sgrìon na h-Alba. Nochdaidh na filmichean a thèid a thaghadh anns gach roinn air an làraich bho mheadhan an Fhaoillich.



An latha a fhuair Gàidhlig greim air an t-Saoghal, stiùirichte le Ealasaid Anna Nic a’Phìobaire

Bheirear seachad duais iomraiteach Roghainn an t-Sluaigh dhan fhilm as motha a thèid a thaghadh aig Cuirm FilmG nan Duaisean air 5mh An Gearran 2010 aig Cùirt an Aodainn, Inbhir Nis.

B’ e ‘Gaisgeach’ cuspair na bliadhna-sa, air an cuireadh ‘Hero’, ‘Warrior’ no ‘Champion’ ann am Beurla. Bheirear duaisean seachad am broinn trì ghnèithean film: Dràma/Comadaidh, Aithriseach agus Dibhearsan.



Sealgair, stiùirichte le Cailean Collier

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Airson na dàrna bliadhna an sreath a chèile tha ar co-fharpais FilmG air a bhith air leth tarraingeach do shean is òg às gach ceàrn, Gàidheil is Goill, ‘s iad dealasach a thaobh a bhith ag innse sgeulachdan air camara.

“Tha e na thogail mhòr uimhir a dhaoine ùra fhaighinn san fharpais cho math ri bhith a’ gleidheadh nan daoine a chuir a-steach an-uiridh. Nach iadsan a rinn an gnothach! Bha ar bùithtean obrach chumte ann an co-bhann ri HIE, Taigh Chearsabhagh, CNES, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Taobh Siar na h-Alba, le maoin bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig air leth soirbheachail. Bha e na thoileachadh mòr dhomh gun do chuir sgoilearan filmichean a-steach agus gun robh uimhir de thàlant cruthachail ri fhaicinn.”

Bidh an dàrna cuirm Dhuaisean FilmG a’ gabhail àite ann an Cùirt an Aodainn, Inbhir Nis, Dihaoine 5mh An Gearran 2010. ’S i oidhche spòrsail a bhios ann le seallaidhean gan toirt air na filmichean a bhuannaich, agus cluich beò.