Wednesday, 14 April 2010

Plana Gnìomh Bhòrd na Gàidhlig ga fhoillseachadh

Bòrd na Gàidhlig publishes Action Plan for Gaelic


Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh poblach le uallach airson a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig, air Aithisg Gnìomha a chur chun Riaghaltais, a’ mìneachadh am planaichean airson astar a chur anns an àireamh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus ga cleachdadh, agus cuideachd dòighean nas èifeachdaiche air a bhith ag obair agus a’ cleachdadh an cuid stòrais.

Tha am Plana Gnìomha a’ mìneachadh ceumannan practaigeach agus deatamach airson àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig fhàs air feadh Alba. Tha e ag amas air Taic do Phàrantan, Brosnachadh, Ionnsachadh do dh’Inbhich, Foghlam ro-sgoile agus sgoile, agus a’ tairgse gnìomhan ro-innleachdail taobh staigh suimean ionmhais agus clàir-ama soilleir.

Tha leth-bhreacan den fios-naidheachd air fad agus am plana gnìomh an cois am post-d seo.

Bòrd na Gàidhlig, the principal public body promoting and developing Gaelic, will today (Tuesday, April 13) publish “Ginealach Ùr na Gàidhlig” - an Action Plan to increase the numbers of Gaelic speakers. The Plan has been prepared for Scottish Ministers detailing proposals to accelerate the numbers of people learning and using Gaelic and also ensure the most effective use of existing resources and structures.

The Action Plan sets out practical and urgent steps to increase the number of Gaelic speakers in Scotland. It focuses on key areas of Parental Support, Promotion, Adult Learning, Pre-school and School Education, offering strategic actions within affordable financial parameters and clear timeframes.