Tuesday 27 April 2010

PLANAICHEAN AIR DÒIGH AIRSON SAMHRADH SPÒRSAIL ANN AN CATAIBH

Tha Fèis Chataibh uabhasach toilichte an “Seachdain Samhraidh” bliadhnail a chur air bhog ann an Cataibh. ’S e tachartas cunbhalach air mìosachan na h-ealain do dh'òigridh, bidh an tachartas a’ tairgse tòrr diofar chur-seachadan gus deagh thoiseach-thòiseachaidh a thoirt do làithean-saora an t-samhraidh.

Stèidhichte ann an Àrd-sgoil Ghoillspidh, bidh an Fhèis a’ tairgse theagasg ann an ceòl, òrain, dannsa, dràma, ealain agus ag innse sgeulachdan do gach neach òg eadar 8 is 18 bliadhna a dh’aois a bharrachd air taghadh de thachartasan feasgar cuideachd. Tha Fèis Chataibh airson daoine òga bho a h-uile diofar shuidheachadh
a tharraing gu h-àraidh ma tha ùidh aca anns na sgilean ciùil traidiseanta agus stòrasan-fuinn aca àrdachadh agus ‘s dòcha rudeigin ùr fheuchainn.

A-measg nan luchd-teagaisg a bhios còmhla riutha am bliadhna, tha Mike Vass agus Dave Wood bhon chòmhlan-ciùil Malinky, Jenn Butterworth bhon Rachel Hair Trio, Mairearad Green a bhios a’ cluich gu tric còmhla ri Anna Massie agus chaidh i a bhòtadh mar “sgrìobhaiche-ciùil na bliadhna” anns na Duaisean Ciùil Traidiseanta an-uiridh, cuide ri Calum Stiùbhart à Sgìre-Mhoireibh a bhios a’ cluich gu tric air feadh na Roinn Eòrpa.

Bha Cataibh a-riamh fortanach gun robh traidisean làidir ag innse sgeulachdan aca agus a’ cumail ris an neart seo bidh Jane Bregazzi còmhla riutha a-rithist mar neach-teagaisg ealain agus ag innse sgeulachdan. A bharrachd air seo bidh beartas tàlant ionadail bho air feadh Cataibh ann a’ gabhail a-staigh Jennifer Port, Lynne agus Suzanne Houston, Wendy NicAoidh agus Cailean MacIlleathain à Baile Dhubhthaich agus mòran a bharrachd!

Thuirt Iain Moireach, Cathraiche na Comataidh, “Tha sinn uabhasach pròiseil às na chaidh a choileanadh aig Fèis Chataibh. Tha an t-seachdain air fad gu math brosnachail agus tha sinn air leth fortanach leis an taic a gheibh sinn bhon choimhearsnachd. Tha an t-seachdain air fad air a cuideachadh gu mòr le buidheann mhath de phàrantan agus luchd-thoilich a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil tòrr spòrs aig na daoine òga. Am bliadhna, tha sinn cuideachd a’ cur an tachartas air an làrach sòisealta Facebook. Chithear na tha sinn ris le a bhith a’ clàradh mar aon de na caraidean againn an sin. Bidh an sgioba de luchd-teagaisg agus na tachartasan eile ri tighinn air an cur suas air an làrach seo.”

Airson fiosrachadh air iarrtasan cuir fios gu Allison Watson air allisonwatson@talktalk.net