– a chuireas acras air an luchd-amharc! Tha fear-an-taighe Tony Kearney a’ cur fàilte air dithis aoigh anns gach prògram, ‘s iad a’ còmhradh mu bhiadh, is ithe aig dìnnear còmhla.
Tha pailteas de còmhradh beòthail aig Tony mar is àbhaist agus tha e tairgsinn biadh a tha, tha esan an dòchas, a rèir rudan air a bheil gach neach miannach. Cluinnidh sinn cuimhneachain, sgeulachdan èibhinn, beachdan làidir is eile – bho làithean òige gu bhith siubhal an t-saoghail. Dè an t-àite th’aig biadh nar beatha? Slàinte, còcaireachd, dùthchannan cèin – tha iad uile a’ toirt buaidh air na dh’itheas sinn, agus tha am beachd fhèin aig gach neach.
A-measg na Gaidheil a bhios a’ tadhal air Tony, tha am fear-ciùil ainmeil Fergie Dòmhnallach; Rhoda NicDhòmhnaill (“Speaking Our Language”), Mairead NicLeòid bho Na h-Òganaich, agus Tommy MacAsgaill air a bheil luchd-èisdeachd Radio nan Gàidheal glè eòlach. Tha Tommy air a bhith dà fhichead bliadhna a’ fuireach ann an Lunnainn – cluinnidh sinn a’ bheachd air biadh as a’ bhaile mhòr sin, bho na ‘60s suas gu taighean-bìdh ainmeil an là diugh.
Suidhichte ann an seòmar-bìdh àlainn, a chaidh a dhealbhachadh a dh’aona ghnothaich, air bruaichean abhainn Chluaidh an Glaschu, tha “Blasad” a’ toirt luaidh air biadh is càirdeas - mar a chanas Tony – “do mhiann air truinnsear.”
Chaidh “Blasad” a riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach Sorbier Productions