Monday 17 May 2010

Thèid co-labhairt shònraichte air òrain na Gàidhlig

Thèid co-labhairt shònraichte air òrain na Gàidhlig agus na Beurla Gallda a chumail airson a’ chiad uair ann an Alba le Sabhal Mòr Ostaig agus Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba aig a’ cholaiste san Eilean Sgitheanach bhon 1-4 den Ògmhios 2010.


Bidh Òran 2010 Sang a’ sgrùdadh nan cànan ann an dualchas ceòl na h-Alba, òrain na Beurla Gallda is na Gàidhlig san latha an-diugh is ciamar a bu chòir dhuinn òrain ar dùthcha a thoirt dha na ginealaichean ri teachd.

Bidh eòlaichean air leth an làthair is cuid dhen luchd-ciùil is na seinneadairean as fheàrr an Alba. Nam measg bidh an Dr Katherine Chaimbeul bho Oilthigh Dhùn Èideann, an Dr Iain Mac an Sporain, sàr eòlaiche ciùil, agus Mòrag NicLeòid, tè de na h-eòlaichean as cliùitiche air òrain is beul-aithris na Gàidhlig a tha ann.

Bidh consairt ann le Cairistiona Primrose agus Gordena McCulloch agus thig a’ cho-labhairt gu crìch le cèilidh leis a’ chòmhlan-chiùil Deoch ‘n Dorus.

£25 airson an latha no £250 airson trì latha agus fuireach aig a' Cholaiste, le prìsean nas saoire do dh'oileanaich.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bhon phrògram an cois seo no bhon làraich-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig www.smo.uhi.ac.uk

Cuiribh fòn gu Anna Deplano air 01471 8882000 airson àite a bhucadh aig a' cho-labhairt. Feumar clàradh ron 21mh den Chèitean 2010.