Tuesday 16 November 2010

Manaidsear ùr aig Ionad Chaluim Chile Ìle

‘S e Niall Iain Woodrow, a bhuineas dha Bogha Mòr, a th’ air ainmeachadh mar Mhanaidsear ùr Ionad Chaluim Chile Ìle (ICCI). Tha Mgr Woodrow na Fhear-lagha Clàraichte ann an Alba.

A leantain air fòghlaim bun-sgoile aig Na Cillean agus Bogha Mòr chuir Niall crìoch air fòghlam sgoile aig Àrd-sgoiltean a’ Bhogha Mhòir, agus Ceann Loch Chill’ Chiarain. Le Ceum Urramach ann an Lagh Poblach agus Dioploma ann am Gnìomh Lagha Proifeasanta, bho Oilthigh Ghlaschu, rinn Niall a chuid treanaidh ann an Ceann Loch Gilb agus às an Òban agus chaidh e na neach-compàirt air companaidh lagha anns an Òban ann an 1988. Còig bliadhna an dèidh sin ghluais e gu bhith na neach-compàirt air companaidh ann am Baile Bhòid agus, nuair a leig an neach-compàirt aige dheth a’ dhreuchd, bha e as cionn buidhinn far an robh mu dheireadh dithis luchd-lagha eile agus luchd taice. Reic Niall a’ chompanaidh ann an 2007 is thill e gu ruig Ìle.

Tha Niall na neach ionnsachaidh daingeann agus tha e glè mhothachail air cliù a’ theaghlaich a thaobh taic dha Gàidhlig an Ìle. “Bha mo mhàthair nach maireann dian a thaobh Gàidhlig. Nuair a leig i dhith a’ dreuchd ann am Bun-sgoil nan Cillean lean i mar neach-teagaisg solair aig Aonad-Ghàidhlig Bun-sgoil a’ Bhogha Mhòir chun an robh i 70! Le Gàidhlig mar chiad chànan fhuair i Àrd Ìre fo theagasg Dhòmhnaill MhicThòmais, agus b’ ì a chiad Chathraiche air Co-Roinn Ìle, Dhiùra is Cholbhasa. Chum an Co-Roinn sgoiltean samhraidh grunnd bhliadhnaichean gus dearbhadh an iarrtais air ionad ionnsachaidh ann an Ìle. Tha eachdraidh na dearbhadh gun do shoirbhich leis na tachartasan sin. Tha fiughair mhòr orm gus tòiseachadh na mo dhreuchd aig Ionad Chaluim Chile Ìle!”

Bho thill e a dh’ Ìle tha Niall air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an cùisean coimhearsnachd; nam measg sin mar bhall air bòrd-stiùiridh a’ phàipear ionadail, An t-Ìleach, agus mar bhall air Iomairt Ìle agus Dhiùra aig Comunn na Gàidhlig.

A cur failte air Niall chun na dreuchd thuirt Cathraiche Eadar-amail Bòrd Stiùiridh ICCI, Ailean Caimbeul, “ Tha sinn glè thoilichte Manaidsear fhaotainn aig an Ionad a-rithist agus tha sinn a’ guidhe soirbheachadh dha Niall na dhreuchd ùr. Thar nan ochd mìosan deug a chaidh, le taic Iomairt na Gàidhealtachd, tha ICCI air a’ Phlana Gnìomh a’ sgrùdadh agus ùrachadh, agus tha sinn air leth moiteil earbsa Bhòrd na Gàidhlig agus Chomhairle Earra Ghàidheil is Bhòid a ghleidheadh mar phrìomh bhuidhnean taice.
“Tha na Stiùirichean fada an comain Rita Nic an t-Sealgair a th’ air sàr obair leasachaidh a’ dhèanamh air a’ Phlana Ghnìomh againn thar 9 mìosan, agus tha dreuchd Nèill mar cheum cudromach ann an gnìomhadh a’ Phlana sin. Tha Rita an dùil crìoch a chur air obair ICCI mu dheireadh na bliadhna”.

Tha Plana Gìomh ICCI ag amas an t-Ionad fhàs mar iomairt shòisealta, agus:

Leasachadh mar phrìomh ionad Gàidhlig Ìle is Earra Ghàidheal;
Leasachadh mar ionad cànain is cultair;
Mar mheadhan leasachaidh eaconomach;
Leasachadh mar ghoireas coimhearsnachd.

Thuirt Ailean Caimbeul, “Ann a bhith a’ coilionadh nan amasan sin cuiridh ICCI ri cinn-uidhe leasachaidh Bhòrd na Gàidhlig a thaobh neartachadh na Gàidhlig san dachaigh, san ionad obrach, agus às a’ choimhearsnachd. Cuiridh an t-Ionad cuideachd ri amasan chultarail agus eaconomach Iomairt na Gàidhealtachd agus Chomhairle Earra Ghàidheil is Bhòid.”