Tha buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba an impis an taic a chuir às ùr dhan an iomairt gus sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann am prìomh bhaile na h-Alba.
A’ coinneachadh an dè (Diciadain 16mh Màirt), dh’aontaich buill na buidhne sgrìobhadh gu Comhairle Bhaile Dhùn Èidinn a’ moladh dhaibh sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh ann am Bonnington ‘sa bhaile – aon de na roghainnean air am bheil a’ Chomhairle a’ beachdachadh aig an t-àm a tha seo.
Chuala na bha an làthair tagradh bho riochdaire meur Dhùn Èidinn de Chomunn nam Pàrant a’ mìneachadh gum bheil trì roghainnean anns am pròiseas co-chomhairleachaidh anns am bheil Comhairle Dhùn Eìdinn an sàs aig an ìre sa: foghlam Gàidhlig a ghluasad gu seann sgoil ann am Bonnington a dheidheadh a leasachadh as ùr; leasachadh a dhèanamh air bun-sgoil Crois na Cise (far am bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig [FTMG]ga thoirt seachad an dràsta); agus mu dheireadh gin càil a dhèanamh.
A rèir nam pàrantan, nan deidheadh gabhail ris an dàrna neo an treas roghainn, chan fhada gus am bitheadh casg ga chuir air sgoilearan ùra bhi leantainn FTMG.
Dh’aontaich buill na buidhne Thar Phàrtaidh gun robh e cudromach dha rìreabh gum bitheadh cothrom fàs mu choinneamh FTMG ann an Dùn Èideann, agus gun robh iad deònach an taic a chumail ri na pàrantan. Thèid litir chuir chun Chomhairle a’ mìneachadh na beachd seo mas tig am pròiseas co-chomhairleachaidh gu crìoch Diluain-sa-tighinn (21mh Màirt).
Thuirt Fear Gairm na buidhne, Iain Fearchar Rothach BPA gum bu chòir an aon ghoireas a thoirt dha pàrantan is clann ann an Dùn Èideann ‘s a bha nis ga thabhann ann an cuid de phrìomh bhailtean eile na duthcha, leithid Glaschu is Inbhir Nis: “Tha e follaiseach dhuinn uile a nis an ùidh a th’aig pàrantan ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, is gu h-àraid far am bheil ‘sgoiltean Ghàidhlig’ ann, seach ionadan Ghàidhlig ann an sgoiltean nas motha.
“Tha sinn tuigse gum bheil a’ Chomhairle an ìre mhath taiceil dhan ghluasad tha seo, agus mar bhuidheann tha sinn gu mòr airson taic chumail riutha, is a bhi moladh gun gabh iad an ceum chudromach seo gus ligeil le FTMG a ghluasad chun an ath ìre ann an Dùn Èideann.”
Be seo a choinneamh mu dheireadh den bhuidheann thar phàrtaidh ron taghadh airson a’ Phàrlamaid Albannach ‘sa Chèitean. Dh’aontaich na buill gun robh e gu bhith cudromach cuir ri iomhaigh na Gàidhlig ‘sa Phàrlamaid ùr airson aire an tuilleadh Buill Pàrlamaid tharraing dhan obair leasachaidh.
Leis gum bheil e ligeil seachad a dhreuchd mar Ball Pàrlamaid Albannach, is nach eil e an dùil seasamh aig àm an taghaidh, be seo cuideachd a’ choinneamh mu dheireadh aig Mghr Rothach mar Fear Gairm na buidhne Thar Phàrtaidh. Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, a tha cuideachd na Rùnaire air a’ Bhuidheann Thàr Phàrtaidh gun robh h-uile duine bha an làthair gu math taingeil dhan obair a bha Mghr Rothach air dhèanamh fad na bliadhnachan: “Bha na buill a bha an làthair an dè gu h-aon ghuthach a’ toirt an taing làidir dha Mghr Rothach. Be am beachd a bh’aca nach robh obair agus toradh na buidhne air a bhi faisg cho èifeachdach as aonais, agus gun robh e airidh air moladh sònraichte airson an taic a chùm e ri obair leasachaidh na Gàidhlig.”