Tuesday, 14 June 2011

Hòro-gheallaidh le The Outside Track air an t-slighe gu Blas

Airson a’ chiad turas, bidh còmhla-ciùil fa-leth a’ riochdachadh fèis Blas 2011 fad na Fèise a thòisicheas air feadh na Gàidhealtachd air 9 Sultain.

Tha an còmhlan The Outside Track a’ cluich measgachadh de cheòl is òrain Albannach, à Canada agus an Eireann agus ri dannsa cuideachd agus tha iad air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail airson an làthaireachd. ‘S e meas air ceòl traidiseanta agus sannd a bhith ag ùrachadh agus a’ toirt air adhart stuth air a bhonntachadh air an dualchas a tha ceangal buill a’ chòmhlain, a bhoinneas do dh’Alba, Èireann, Ceap Breatann (le taobh ri Uidhist a Tuath) agus Vancouver. Bheir iad am blas is dreach fhèin air an fhèis agus bidh hòro-gheallaidh dha-rìreabh nan cois.

Tha còignear anns a’ chòmhlan: Mairi Rankin à Mabou ann an Ceap Breatann (ach a bhoinneas do dh’Uidhist a Tuath tro a màthair Oighrig, a chaidh a Chanada a theagasg na Gàidhlig) agus a tha a’ cluich anns an t-sàr-bhuidhinn Beòlach air an fhidhill, a’ seinn agus ri dannsa; a bhana-sheinneadair Norah Rendell a chaidh a chur air adhart ann am farpais Seinneadair Traidiseanta na Bliadhna ann an Canada air duiseal, fìdeag agus a’ seinn; Ailie Robertson a bha anns a’ chuairt dheireannach de dh’Fharpais Traidiseanta a’ BhBC airson Òigridh air a’ chlàrsaich agus a’ dannsa; Fiona Black, a bhuinnig farpais Fame Academy a’ BhBC air a’ bhocsa; agus Cillian Ó Dalaigh bho Trazz leguitar, a’ seinn agus a’ dannsa.
‘S e sàr-chluicheadairean fa-leth a th’anns gach ball dhen chòmhlan agus tha iad le chèile air grunn dhuaisean eadar-nàiseanta a thogail air an t-slighe gu Blas 2011. Ach ‘s ann còmhla a tha an luach as motha an-lùib leithid de bhuidhinn agus gan dèanamh cho tarraingeach. Tha iad air a bhith a’ cuairteachadh an t-saoghail a-nis airson 5 bliadhna eadar Breatann, an Roinn Eòrpa, Canada agus na Stàitean, a’ nochdadh aig cuid de na Fèisean Ciùil as motha air an t-saoghal eadar Celtic Colours, Goderich, Mission, Memoire et Racines, Sidmouth, agus Whitby.

Mar chòmhlan ainmichte na Fèise, chan eil teagamh aig Stiùiriche Blas Donna NicRath nach toir iad togail àraid do thachartasan anns gach àite. Thuirt i: “Tha sinn air leth toilichte còmhla cho cliùteach ri Outside Track a thoirt chun na Fèise airson a bhith againn fad na h-ùine. Chan eil an leithid ann ‘s dòcha mar chluicheadairean fa-leth, agus ‘s e gnothach eile a bhios ann èisteachd riutha mar chòmhlan nuair a bhios iad air ghleus againn fad naoi latha san t-Sultain.”

Bidh The Outside Track a’ nochdadh aig an fhèis air feadh na Gàidhealtachd bho Ulapul gu Port-Rìgh, Inbhir Garaidh, Baile a’ Chaolais, Port MoCholmaig agus Poll Iùbh. Bidh an còmhlan cuideachd a’ tadhal air sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd mar phàirt de Phrògram Foghlaim Blas, air a cho-òrdnachadh le Oifigeach Ceanglan nan Ealan aig Comhairle na Gàidhealtachd, agus trom bi timcheall air 5,000 duine cloinne a’ faighinn cothrom gach bliadhna.

Tha The Outside Track gu bhith a’ cluich aig sreath de thachartasan èibheiseach far a bheil prìomh luchd-ealain nan tarraing aig cridhe fèis Blas 2011 a tha a’ luaidh cultar nan eilean. Tha Blas a-nis stèidhichte anns an 7mh bliadhna agus mar phrìomh fhèis a’ taisbeanadh subhachas is cultar na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd.