Tuesday 28 June 2011

Sgoil Shamhraidh Dhràma a’ sìor-neartachadh

Tha 24 deugaire gan deisealachadh fhèin gus toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh air làithean-saora an t-samhraidh le bhith a' dèanamh air Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach airson na Sgoil Samhraidh Dràma. Air a cur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal tha an sgoil fosgailte do luchd-labhairt na Gàidhlig eadar 14 agus 18 bliadhna a dh’aois agus tha i ruith eadar Diluain 4 agus Dihaoine 15 den Iuchar.

A-nise na ceathramh bhliadhna, tha an sgoil air sìor fhàs nas motha le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig, agus tha comharran bronsachail ann gun cùm i a’ fàs san àm ri teachd leis an àireamh as àirde de thagraichean shoirbheachail a bh’ ann gu ruige seo.

Bidh na com-pàirtichean, a bhuineas do gach ceàrnaidh de dh’Alba, a' coimhead air adhart ri ceala-deug a bhios loma-làn spòrs anns am faighear bun-stèidh air leth ann an caochladh sgilean a bhios feumail do chleasaichean, luchd-sgrìobhaidh agus luchd-stiùiriche ùra airson an àrd-ùrlair agus air beulaibh a’ chamara.

Fo smachd Artair Donald mar stiùiriche-ealain na Sgoile, bidh e fhèin agus an sgioba ealanta de luchd-oide aige - Frank MacConnaill, Wilma NicUalraig, Daibhidh Walker, Ruairidh MacNeacail agus Catrìona Lexy Chaimbeul uile ag obair gu cruaidh gus tàlant nan com-pàirtichean a leasachadh le sùil gun tèid dealbh-cluich ùr a thaisbeanadh air oidhche mu dheireadh na Sgoile.

Gheibhear cothrom an tàlant aca a chur gu feum air fiolm cuideachd le taic bhon sgioba aig FilmG far an tèid sgilean deatamach agus uidheamachd a thabhann gus fiolm ghoirid a riochdachadh a fhreagras air a’ cho-fharpais aig FilmG airson 2011. Bidh dòchas ann gun soiribhich leotha sa cho-fharpais mar a rinn compàirtichean na Sgoile Samhraidh Dràma ann an 2010.

Thèid toradh an cuid obrach tron cheala-deug a thaisbeanadh don mhòr-shluagh air an oidhche mu dheireadh den Sgoil Shamhraidh aig Stiùidio Fàs, Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite air Diardaoin 14 Iuchar aig 7.30f.

Tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gu bheil MG ALBA gu bhith an sàs sa Sgoil Shamhraidh Dhràma airson a’ chiad uair, càirdeas a th’air a’ chothroim Stiùidio Fàs a chleachdadh mar àite thaisbeanaidh agus feum a dhèanamh à taic teicnigeach tron chuirm.

A bharrachd air dràma Ghàidhlig cluinnear pailteas de cheòl tradiseanta leis gun tèid an oidhche thaisbeanaidh a chumail ann an co-bhonn le compàirtichean bho Fhèis Alba a bhios a' gabhail àite air a’ Phloc aig an aon àm.

Cosgaidh tiogaidean airson an tachartais £6 agus £3. Gheibh clann còmhla ri inbheach a-steach an asgaidh. Airson fiosrachadh mu thiogaidean fònaibh gu 01478 613 555 no cuiribh post-dealain gu brath@feisean.org

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig cuiribh fios gu Oifgear Dràma Fèisean nan Gàidheal Dougie Beck air 01463 225559 no air post-dealain dougie@feisean.org

‘S e iomairt Fèisean nan Gàidheal a th’ anns an Sgoil Shamhraidh Dhràma a tha a' faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Alba Chruthachail, Comhairle na Gàidhealtachd agus Eden Court.