Friday 14 October 2011

PRÒGRAMAN BHO MHÒD NAN EILEAN SIAR AIR BBC ALBA

Bidh BBC ALBA a’ toirt prògraman thugaibh gach feasgar bhon chòigeamh Mòd Nàiseanta Rìoghail a chaidh a chumail anns Na h-Eileanan Siar.

Tha Mòd a’ Chomuinn Ghàidhealaich na phrìomh fhèis ann an coimhearsnachd na Gàidhlig, a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal.

Bidh an seinneadair ainmeil Màiri Anna NicUalraig a’ libhrigeadh còig prògraman air BBC ALBA anns am faicear taghadh de na prìomh thachartasan a bhios ann gach latha bho Dhiluain 17 gu Dihaoine 21 Dàmhair.

Eadar na bhios ri chluinntinn air Radio nan Gàidheal agus na bhios ri fhaicinn air prògraman BBC ALBA agus air www.bbcalba.co.uk gheibh an luchd-amhairc is an luchd-èisteachd, ge bith càite am bi iad, fìor dheagh bhlas den fhèis chudromaich seo agus airson a’ chiad uair a-riamh, bidh BBC ALBA a' toirt thugaibh farpais Bonn Òr an t-Seann Nòis air oidhche Dhiardaoin.

Bidh na prògraman a leanas cuideachd air BBC ALBA:

· Diluain 17mh, 8.30f-10f: Màiri Anna NicUalraig le seinneadairean a bha soirbheachail air a' chiad latha de Mhòd na Cloinne ann an Steòrnabhagh.
· Dimàirt 18mh, 8.30f-10f: Tha Màiri Anna NicUalraig a’ cur fàilte oirbh gu cuirm le farpaisich a ghlèidh duaisean air an dàrna latha de Mhòd Nàiseanta Rìoghail nan Eilean Siar.
· Diciadain 19mh, 9.00f-10f: Tha Mòd nan Eilean Siar leathach-slighe agus tha Màiri Anna NicUalraig aig cèilidh ann an Steòrnabhagh a’ toirt thugaibh blas bho iomall a' Mhòid.
· Diardaoin 20mh, 8.30f-10f: Tha Màiri Anna NicUalraig a' toirt thugaibh farpais Bonn Òr an t-Seann Nòis.
· Dihaoine 21mh, 8.30f-10f: Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail nan Eilean Siar a’ tighinn gu crìch agus tha Màiri Anna NicUalraig a’ toirt thugaibh cuirm crìochnachaidh a’ Mhòid à Steòrnabhagh.

Air madainn Dihaoine bidh Mòrag Dhòmhnallach air Radio nan Gàidheal le aon de phrìomh thachartasan craolaidh a’ Mhòid, Cèilidh Mire ri Mòr bho Thaigh-òsta a’ Chabar Fèidh, a’ tòiseachadh aig 10m.

Bidh gu leòr ann cuideachd do luchd-amhairc nas òige leis gu bheil sgioba Aileag (Dihaoine 21mh @ 5.30f) agus sgioba Dè a-nis? (Diciadain 19mh @ 6.00f) a’ tadhal air Steòrnabhagh.