Monday 2 April 2012

Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ foillseachadh pasgan maoineachaidh trì bliadhna a bharrachd de £480,000 do dh’Fhèisean nan Gàidheal, a tha a’ dèanamh cinnteach gum bi am buidhean leantainn air leasachadh ceòl tradiseanta agus ealain na Gàidhlig.

Ann an com-pàirteachas ri Alba Cruthachail, Bòrd na Gàidhlig, agus ùghdarrasan ionadail, cuidichidh maoin HIE a’ leantainn air leasachadh agus a’ togail air adhartas buaidh nam fèisean thairis air na trichead bliadhna a chaidh seachad.

Tha am pasgan-maoineachaidh trì bliadhna mar phàirt de thaic HIE airson obair ealain is chultarach, a’ neartachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Bidh pròiseactan a’ gabhail a-steach leudachadh Slighean Cèilidh is Fèis Blas, a’ toirt cothrom dha luchd-ciùil òg is ùr a bhith dol air chuairt is a’ cluich ann an caochladh àiteachan tron Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Thèid raon de ghnìomhan ùra a leasachadh, nam measg a bhith a’ foillseachadh cultar na Gàidhlig dha barrachd luchd-amais tro bhith a’ gabhail pàirt ann am fèisean eadar-nàiseanta.

Tha mu 13,000 daoine òga a’ gabhail pàirt gach bliadhna ann an cur-seachadan do bheil Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic air feadh na h-Alba. Tha grunn dhaoine a ghabhas pàirt sna fèisean air piseach mòr a dhèanamh a thaobh trèanaidh agus dreuchdan, a’ gabhail a-steach an seinneadair moltach Julie Fowlis agus luchd-ciùil Mairearad Green agus Anna Massie, dithis tàlantach san ionad ceòl-dùthchais.

Thuirt Niall Rois, ceann roinn fàs choimhearsnachdan: “Bithidh na coimhearsnachdan cugallach a bhios a’ toirt pàirt sna fèisean a’ gabhail tlachd a-mach à na buannachdan eaconomach agus i a’ toirt sgilean ùra agus misneachd do dhaoine òga. Tha na fèisean air tabhartas aibhseach air a dhèanamh air beatha iomadh dhuine òga agus neartachadh ceòl tradiseanta agus Gàidhlig mar chànain air feadh na h-Alba.

“Tha obair Fèisean nan Gàidheal a’ tàladh dhaoine ùra agus iad sin a tha tighinn air ais don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Tha sinn toilichte am pasgan maoineachaidh trì bliadhna fhoilseachadh do Fhèisean nan Gàidheal mar phàirt den chùl-taic airson neartachadh gnìomhachasan cultarachd anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.”

Thuirt Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein, manaidsear leasachaidh Fèisean nan Gàidheal: “Tha sinn glè thaingeil gu bheil HIE a’ leantainn air, gus ar cuideachadh leis a’ phrògram obrach. Cuidichidh an taic seo le bhith cur iomairtean ùra air bhog, a bharrachd air a bhith cumail taic leis na pròiseactan leanntainneach, ionadail a tha cho cudromach do na fèisean. Tha stòras de thàlant a measg com-pàirtichean nam fèisean – òigridh agus inbhich – agus le barrachd cothrom oideachadh àraid agus seasmhach fhaighinn, tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ toirt a-steach mu 36,000 compàirtichean agus luchd-chruthachail agus leasachadh na Gàidhlig air feadh Alba.”

A bharrachd air taiceadh Fèisean nan Gàidheal agus fèisean ionadail, cuidichidh maoin HIE pròiseactan chudromach agus leasachaidhean, a gabhail a-steach sgoil drama ùr airson luchd ionnsachaidh inbhich agus cur-seachadan drama eile sa choimhearsnachd ann an com-pàirteachas ri Sabhal Mòr Ostaig agus MG Alba.

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic do 45 Fèisean ionadail – an dràsda a’ toirt cosnadh do 100 daoine air feadh na h-Alba, a’ toirt £7m don eaconomaidh na h-alba, agus £6m a-steach don eaconomaidh a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan thar trì bliadhna.

Julie Fowlis
Chaidh Julie, a tha à Uibhist a Tuath bho thùs, gun chiad fhèis aice nuair a bha i naoi bliadhna a dh’aois agus dh’ionnsaich i mar a chluicheadh i ionnsramaidean ciùil, leithid an fheadain. Lean i oirre gu ceum a dhèanamh ann an ceòl agus a-nise ‘s ann aice a tha aon de na cuairtean ciùil as trainge ann an Alba. Tha Julie air obair a dhèanamh ann an saoghal a’ chraolaidh is i air a prògram fhèin a riochdachadh air BBC Radio Scotland airson dà bhliadhna air sreath a-chèile, a thuilleadh air a bhith a’ nochdadh air an t-seanal telebhisein Gàidhlig, BBC Alba. Cho-riochdaich Julie Folk Awards BBC Radio 2 na bliadhna sa san d’ fhuair i an duais, Folk Singer of the Year ann an 2008. Bho chionn ghoirid nochd òran bhon chruinneachadh ùr aig Julie san fhilm ùr, Brave, aig Disney Pixar.

Bha na fèisean air leth cudromach dha Julie. Thuirt i: “Bha seo na phàirt de dh’oideachadh cudromach dhòmhsa. Tha mi smaoineachadh gu bheil rudeigin co-cheangailte ri bhith a’ cluich ceòl còmhla ri daoine eile a tha a’ cruthachadh dàimh is càirdeas maireannach a dh’fhanas làidir. Tha na fèisean air buannachdan mòra a chruthachadh, chan ann a-mhàin dhan chultar is dhan cheòl ach cuideachd le bhith a’ dèanamh a’ chànain ruigsinneach dha daoine òga”.

Mairearad Green

Buannaiche Duais PRS Composer of the Year aig Duaisean Ciùil MG Alba agus ainmeil airson a stoidhle ealamh is drùidhteach air a’ bhogsa, tha fèill mhòr air Mairearad, a bhuineas dha Aichillidh Bhuidhe, mar chluicheadair is sgrìobhadair ciùil. Chithear tric i air an àrd-ùrlar còmhla ri Anna Massie, Box Club, The Poozies agusThe Usual Suspects, is tha mòran de cheòl Mairearad a’ fàs gu math ainmeil ann an Saoghal Ceòl Dùthchasach na h-Alba.

Thuirt Mairearad: “Chaidh mi gu Fèis Rois an toiseach nuair a bha mi naoi bliadhna a dh’aois agus fhritheal mi a h-uile tè a b’ urrainn dhomh gus na dh’fhàs mi ro aost airson pàirt a ghabhail. On uair sin tha mi air a bhith an sàs mar oide aig grunn thachartasan fèise. Tha mi air buannachd fhaighinn às na Fèisean, an dà chuid gu sòisealta is airson adhartas ann an ceòl, a’ lorg caraidean beatha agus a’ faighinn oideachadh ann an ceòl nach fhaighear air Ghàidhealtachd ann an dòigh sam bith eile. Tron phròiseact, Cèilidh Trail, fhuair mi blasad air beatha mar cheòladair proifeiseanta agus cha do sheall mi air ais bhon uair sin.”

Anna Massie

Ealanta, an dà chuid, air piàna no a’ cluich fonn, ‘s e aon de shàr chluicheadairean giotàir na h-Alba a th’ ann an Anna Massie. Na cluicheadair sgileil iom-ionnsramaid, tha i cuideachd ealanta air an fhidhill, mandolin agus air banjo teanoir. A thuilleadh air a bhith na ball de Blazin’ Fiddles agus The Unusual Suspects agus air a bhith ag obair mar chàraid còmhla ri Mairearad Green, anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha i air a bhith a’ cluich na còmhlan fhèin is còmhla ri Kate Rusby, Karen NicMhathain, Capercaillie agus Eddi Reader. Chaidh a h-ainmeachadh trì tursan airson Best Instrumentalistaig Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba (2005, 2008 agus 2010) agus mar neach-ciùil air leth tàlantach.

Thuirt Anna: “Bha mi aig Fèis Taobh an Ear Rois uair no dhà eadar naoi is aon bhliadhna deug agus chòrd e rium gu mòr a bhith còmhla ri luchd-ciùil eile. Nuair a bha mi a’ fàs suas bha ceòl an-còmhnaidh san taigh againn agus dh’ionnsaich m’ athair dhomh mar a chluichinn an giotàr nuair a bha mi seachd bliadhna a dh’aois, agus chaidh mi gu leasanan fìdhle mun àm sin cuideachd.”


Sgioba Conaltraidh HIE
01463 244235