Tuesday 4 May 2010

Fèis na h-Òige: A' comharrachadh 10 bliadhna de leasachadh

Tha Fèis na h-Òige ag amas air cothrom a thoirt do chloinn le Gàidhlig na sgilean aca leasachadh le bhith ag ionnsachadh ceòl traidiseanta, òrain, dannsa agus sgilean-ciùird. Bhon a chaidh e ath-stèidheachadh ann an 2000 tha an Fhèis air a dhol bho neart gu neart agus am bliadhna bidh iad a' comharrachadh 10 bliadhna de leasachadh.

Thoisich an Fhèis, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, le bhith a' tabhann bùithtean-obrach Disathairne ach a-nis tha na tachartasan aca air leudachadh gu mòr le Fèis fad seachdain as t-samhradh, clasaichean seinn gach seachdain agus deireadh-seachdainean còmhnaidh do dheugairean. Thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh tha com-pàirtichean na Fèise air a bhith an sàs le pròiseactan mòra a leithid Blas agus Gàidhealtachd 2007 a bharrachd air taisbeanaidhean aig tachartasan ionadail.

'S e an iomairt as ùr aig Fèis na h-Òige, deireadh-seachdain còmhnaidh de phìobaireachd tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad do dhaoine òga. Bheir seo cothrom do chluicheadaran òga an fheadan 's nam pìoban na sgilean aca a leasachadh a bharrachd air coinneachadh ri daoine òga bho dhiofar sgìrean. Bidh an deireadh-seachdain, a tha maoinichte le Comhairle Ealain na h-Alba, a' gabhail àite aig Ionad Bad a' Ghiuthais aig deireadh an Lùnastail.

Bidh Fèis na bliadhna-sa a' gabhail àite eadar 5 – 9 Iuchar aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus tha e fosgailte do chloinn le Gàidhlig eadar ochd is ochd-deug bliadhna a dh'aois. Bidh roghainn de chuspairean air an toirt seachad agus tha comataidh na Fèise gu math toilichte fàilte a chur air àireamh mhath de luchd-teagaisg a tha air a bhith aig an Fhèis roimhe.

Thuirt ball den chomataidh Alison Urchadain: "Tha Fèis an t-samhraidh dìreach làn spòrs 's tha e a’ còrdadh ris gach duine a tha an sàs agus tha e math fàilte a chur air na luchd-teagaisg a-rithist. A bharrachd air an sàr-theagasg a gheibh com-pàirtichean, tha an Fhèis seo a' toirt cothrom dhaibh a’ chànan aca a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. Mar a thachair cheana, bidh Fèis Bheag a' ruith aig an aon àm mar phàirt den leasachadh leantainneach. Tha seo a’ toirt cothrom do chloinn bho aois còig gu ochd bliadhna a dh'aois blasad fhaighinn air na tha an sàs le Fèis agus tha e a’ toirt misneachd do theaghlaichean pàirt a ghabhail anns na cur-seachadan againn."

Bidh foirmichean-iarrtais airson Fèis na bliadhna-sa rim faotainn aig deireadh a' Ghiblein. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir post-d gu niallagusross2@btinternet.com no fòn 01463 729278.