Tuesday 4 May 2010

How did the Maoris do it?

Co-labhairt nàiseanta a’ coimhead air iomairtean soirbheachail
Bidh iomairtean soirbheachail a thaobh meudachadh air àireamhan luchd-labhairt Maori am measg nam prìomh chuspairean a bhithear còmhradh agus a’ deasbad aig co-labhairt nàiseanta Bhòrd na Gàidhlig, a bhios a’ gabhail àite ann an Inbhir Nis air 20 Cèitean airson beachdachadh air mar a dh’fhaodadh ùghdarrasan ionadail, buidhnean Gàidhlig agus buidhnean coimhearsnachd am planaichean fa leth don Ghàidhlig a thoirt gu buil.
Chaidh togail air soirbheachadh iomairtean cànain ann an Sèalainn Nuadh, far a bheil àireamhan luchd-labhairt a’ chànain air a dhol bho ìre nas ìsle na Gàidhlig gu ìre nas àirde na Gàidhlig an taobh a-staigh deich bliadhna, ann am Pàrlamaid na h-Alba air a’ mhìos a chaidh seachad,  aig deasbad mu dheidhinn a’ phlana gnìomha ùr airson Gàidhlig. A-nis, tha neach a bha aig teis meadhain ath-bheothachadh a’ chànain Maori, Jim Mather, Ceannard Maori Tbh, a’ tighinn a dh’Alba gus mion-fhiosrachadh a bhruidhinn mar a dh’fhaodadh cuid de na h-iomairtean thall an sin a bhith nam buannachd ann am planadh airson na Gàidhlig.
Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: ” ’S e Māori cànan oifigeil Shèalainn Nuaidh agus tha i dùthchasach don tìr. Tha i mar phàirt de charactar nàiseanta agus dearbh-aithne na dùthcha. Tha saidhbhreas agus beothalachd a’ chànain a’ cur Sèalainn Nuadh air leth ann an raointean leithid turasachd, às-mhalairt, cosnadh, spòrs, foghlam agus craoladh. Tha Gàidhlig na cànan oifigeil an Alba agus a’ comharrachadh mar phàirt dhen fhèin-aithne againn mar an ceudna. Tha mòran ann a dh’fhaodamaid a cho-roinn a thaobh eòlas buntainneach thar raon fharsaing de ghnìomhachdan sa bheatha phoblaich agus gu h-àraid an t-àite aig a’ chànan san dachaigh, ann am foghlam agus craoladh.”
Bidh a’ cho-labhairt nàiseanta “An Gnìomh a Dhearbhas” a’ gabhail àite Diardaoin 20 Cèitean 2010, ann an Taigh-òsta Dhruim Athaisidh ann an Inbhir Nis, agus tha am Bòrd a’ gabhail ri iarrtasan a thaobh làthaireachd aig an àm seo fhèin. Tha an tachartas fosgailte do gach neach agus thèid a’ cho-labhairt fhosgladh gu h-oifigeil leis an t-seinneadair Gàidhlig eadar-nàiseanta Julie Fowlis.
Bidh dìnnear ann air aoigheachd bho Bhòrd na Gàidhlig san taigh-òsta air feasgar Diciadain 19 Cèitean, far am bi Tosgaire na Gàidhlig, an neach foghlaim agus an cuirmear ainmeil Gàidhlig, an t-Oll. Anna Latharna Nic’IllÌosa, na h-òraidiche air aoigheachd.
Rè na co-labhairt, bidh trì seiseanan fosgailte agus thèid iad sin a bhriseadh le dà chuibhreann de choinneamhan fiosrachaidh. Bidh a’ mhadainn a’ dèiligeadh ri ceistean co-cheangailte ri ro-innleachdan leasachaidh agus mar a thèid am plana Gnìomh ùr, Ginealach Ùr na Gàidhlig a chur an-sàs. Bidh am feasgar air a chur mu seach airson cothroman maoineachaidh, le luchd-labhairt a fhuair cuireadh a’ toirt fiosrachadh mionaideach mu bhunan maoineachaidh airson pròiseactan agus obair leasachaidh. 
Bidh an dàrna seisean fosgailte a’ meòrachadh air na tha a’ tachairt taobh thall an t-saoghail còmhla ri Jim Mather agus bidh an seisean deireannach den latha a’ gabhail a-steach deasbaireachd air an ath Phlana Nàiseanta còig-bliadhna airson na Gàidhlig agus cuirear crìoch air an deasbad le seisean fosgailte far am bi pannal a’ freagairt cheistean bhon luchd-èisteachd.
Faodaidh buidhnean agus daoine fa leth a tha a’ sùileachadh ri thighinn chun na co-labhairt, suas ri trì teachdairean a chlàradh gus a bhith an làthair aig a’ cho-labhairt. Bu chòir do fhoirm clàraidh mu choinneamh gach teachdaire a bhith air an cur a-steach cho luath ’s a ghabhas ro 07 Cèitean. Tha na foirmean rim faotainn bho oifis Bhòrd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis.
Bidh na taisbeanaidhean agus na h-òraidean uile rim faotainn air an eadar-lìon às dèidh an tachartais.
Ma bhios an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh, cuiribh fios gu Shona Sloan Manaidsear Conaltraidh, Bòrd na Gàidhlig, aig HYPERLINK "mailto:shona@gaidhlig.org.uk" \t "_blank" shona@gaidhlig.org.uk