Wednesday 8 September 2010

BÒRD NA GÀIDHLIG AG AMHARC TRI BLIADHNA AIR THOISEACH

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ coinneachadh airson dà là air an t-seachdain seo an Inbhir Nis ris na prìomh bhuidhnean Gàidhlig a bhios a’ toirt cùisean air adhart le taic on Bhòrd sna trì bliadhna a tha ri teachd. An dèidh leirmheas a dhèanamh air obair nam buidhnean san ràith a chaidh seachad, tha am Bòrd a-nis a’ tairgse cothrom conaltraidh as ùr air amasan a’ Bhùird thaobh meudachadh àireamhan luchd labhairt na Gàidhlig mu choinneimh nan ro-innleachdan a th’anns a’ phlana Ginealach Ur na Gàidhlig a dh’ aontaichear leis a’ Mhinistear nas tràithe air a’ bhliadhna.

Thathas gu sònraichte gu bhith a’ beachdachadh air ciamar a bhios na buidhnean an dùil co-obrachadh gus amasan a choilionadh thaobh: taic do phàrantan a dh’ fhaodadh clann a chur gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no tha ga dhèanamh a cheana; neartachadh agus leudachadh seirbheisean ro-sgoile; neartachadh seirbheisean Gàidhlig sa bhun sgoil; taic do dheugairean; cothroman ionnsachaidh dha inbhich; taic don Ghàidhlig san dachaigh.

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain A MacAoidh: “ Tha e coltach gum bi na trì bliadhna a tha ri teachd duilich dha gach buidheann san roinn phoblach, ach feumaidh sinn aghaidh a chur air an dùbhlan sin. San àrainneachd anns am bheil sinn ag obair tha conaltradh, co-obrachadh is compàirteachais dòigheil air leth cudromach, is tha sin deatamach chan ann a-mhàin eadar nam buidhnean Gàidhlig ach cuideachd eadarainn is nam buidhnean poblach aig am bheil planaichean Gàidhlig. Feumaidh sinn a bhith èifeachdach nar modhan obrach gus a bhith soirbheachail nar gnìomhan.”

Thuirt Daibhidh Boag, Leasaiche Cànain a’ Bhùird: “ ‘S e drochaid a th’ ann an Ginealach Ur na Gàidhlig, eadar a’ chiad agus an dàrna phlana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha fòcas làidir anns a’ phlana seo air pròiseactan a tha ag amas air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh agus tha dleastanasan oirnn uile, oidhirp a dhèanamh mu choinneamh an t-amas soilleir seo. As dèidh na h-obrach air leirmheas a dhèanamh air comasan nam buidhnean, bidh am Bòrd ag obrachadh gu dlùth ris na buidhnean Gàidhlig gus compàirteachas as ùr a thogail airson na h-ath trì bliadhna a tha romhainn. ‘S e amannan dùbhlanach a bhios ann gun teagamh air thaobh ionmhas phoblach, ach ‘s e cothrom a th’ann cuideachd, fòcas as ùr a dhèanamh air na seirbheisean a tha deatamach dha pàrantan, clann-sgoile agus coimhearsnachdan air feadh Alba.”

Bidh na choinneamhan air an cumail air 9-10 Sultain.