Wednesday 8 September 2010

BÒRD NA GÀIDHLIG AG IARRAIDH GUM BI DLEASTANAS SÒISEALTA A’ LEANTAINN ANN AN LEASACHADH

Tha pàirt deatamach air a bhith aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a bh’ ann roimhe, ann an cruthachadh agus ann an cumail suas leasachadh eaconamach, cànanach, cultarach agus sòisealta co-cheangailte ri Gàidhlig sa Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan thar nan deich bliadhna fichead a chaidh seachad.

Anns an tagradh gu Comataidh an Eaconamaidh, Lùth agus Turasachd aig Riaghaltas na h-Alba mar fhreagairt don bhreithneachadh làithreach air an adhbhar airson buidheann iomairt, tha Bòrd na Gàidhlig air iarraidh gum bi dleastanas leasachaidh sòisealta HIE air a chumail suas. Tha buannachdan eaconamach agus sòisealta air èirigh a-mach às an sin thar nan trì deicheadan bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha am Bòrd ag aithris, a’ toradh luach airgid a bha ann an co-rèir ris an t-sùim bheag sa cheud de bhuidseat na Buidhne Iomairt a chaidh a riarachadh airson na dleastanais shòisealta.

Thuirt Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard (CEO) ùr a’ Bhùird: “Tha am Bòrd ag obair ann an com-pàirteachas le ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach agus buidhnean coimhearsnachd gus iomairtean Gàidhlig a mhaoineachadh. Tha Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) agus Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIDB) a bh’ ann roimhe sin, air a bhith nam prìomh luchd-ùidh a thaobh leasachadh agus seilbh ann am pròiseactan cànain, cultair agus dualchais na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, gu h-àraid bho thoiseach nan 1980an nuair a chaidh a thuigsinn gun robh comas cànanach agus cultarach na spreigeadh do leasachadh sòisealta agus eaconamach. Bha an raon-dleastanais shòisealta a bha air a gleidheadh san reachdas a stèidhich an HIDB aig an àm sin, na stèidh airson iomairtean ùr-ghnàthach cànanach is cultarach a chur air bhonn, a tha bhon uair sin air cosnadh brìgheil agus buannachdan eaconamach don sgìre a thoirt gu buil - gu deatamach ann an sgìrean far nach robh modalan eaconamach àbhaisteach air a bhith soirbheachail gu ruige seo no nam brosnachadh làidir gu leòr airson ath-nuadhachadh a chur air adhart.”

Anns an tagradh chun na Comataidh, tha am Bòrd a’ togail gu làidir air an leasachadh ann an craoladh Gàidhlig, na h-ealain Ghàidhlig, foillseachadh Gàidhlig agus iomairtean coimhearsnachd Gàidhlig a tha air a bhith maoinichte tro raon-dleastanais shòisealta HIE, nach robh a-riamh air a thighinn gu bith às aonais. Am measg phròiseactan seilbhe cànain is cultair na Gàidhlig a tha air a bhith nam buannachd do na sgìrean aca tro leasachadh eaconamach agus tro chruthachadh is gleidheadh chosnaidhean, tha na prìomh leasachaidhean aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgìtheanach, Studio Alba agus Colaisde a’ Chaisteil ann an Leòdhas, a thuilleadh air tachartasan cultarach leithid fèis ciùil Blas, Fèisean nan Gàidheal agus liubhairt air cùmhnant leasachaidh Gàidhlig HIE tro Chomunn na Gàidhlig agus Pròiseact nan Ealan.

Còmhla, tha na leasachaidhean sin air àireamh bhrìgheil de chosnaidhean a chruthachadh agus a chuideachadh, a tha air buaidh mhòr eaconamach a thoirt air an sgìrean fhèin, gu h-àraid an ath-nuadhachadh air a’ choimhearsnachd ann an Slèite san Eilean Sgitheanach am measg an fheadhainn as sònraichte, air a spreigeadh agus air a chumail suas leis a’ Cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig.

Tha am Bòrd a’ crìochnachadh le: “Tha raon-dleastanais shòisealta HIBD/HIE gu follaiseach air cuideachadh le spiorad iomairt a bhrosnachadh, a tha freumhaichte ann an dìlseachd cànanach is cultarach ann an sgìrean far nach robh modalan leasachaidh eaconamach eile roimhe buadhmhor gu ìre sam bith, agus mar sin a’ cruthachadh dhòighean ùr-ghnàthaichte a thaobh leasachadh gnothachais.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh gu làidir gum bi an t-àite agus an raon-dleastanais seo air a chumail a’ dol san àm ri teachd. Ma leanas an ath-bhreithneachadh làithreach seo air adhart gu solar ùr airson eadar-theachd a dhèanamh air leasachadh eaconamach, tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh gum bi an raon-dleastanais sòisealta air a neadachadh air feadh Alba gu lèir, ann an co-rèir ri dleastanas na h-iomairt gus dèanamh cinnteach gum faodar doigh-obrach ioma-phàirteach a choileanadh ann an leasachadh sòisealta, cultarach, cànanach agus eaconamach.”

Tha tagradh a’ Bhùird air fhoillseachadh gu h-iomlan air an làraich-lìn,
gaidhlig.org.uk