Tuesday 9 June 2009

HIE foillseachadh Plana Gàidhlig trì bliadhna

IOMAIRT NA GÀIDHEALTACHD ’S NAN EILEAN

 

 

HIE foillseachadh Plana Gàidhlig trì bliadhna

 

Là-sgaoilidh: 26/05/2009

 

 

Dh’fhoillsich Highlands and Islands Enterprise/Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean (HIE) an-diugh ciad Phlana Gàidhlig na buidhne airson nan trì bliadhna bho 2009 gu 2012.

 

Sgrìobhadh am Plana a-rèir Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, is e toirt cunntas air na tha HIE a’ cur roimhe a chum spèis co-ionnan dhan a’ Ghàidhlig is dha na Gàidheil; a’ toirt na Gàidhlig gu bhi na h-eileamaid fìor ghnàthach an Gàidhealtachd dà-chànanach. Chaidh aontachadh ris a’ Phlana bho chionn ghoirid le Bòrd na Gàidhlig.

 

A bharrachd air a bhi gabhail a-steach na Gàidhlig mar nì mòr ann am fèin-aithne na buidhne, margaidheachd agus an làrach-lìn, tha HIE airson dèanamh cinnteach gun teid seirbheisean a thoirt seachad dha na Gàidheil sa chànan aca.

 

Tha HIE cuideachd airson is gun toir am Plana sealladh ùr-ghnàthaichte agus dealasach air leasachadh na Gàidhlig, ach an toir iad làn-chomas a’ chànain gu buill mu choinneamh fàs ghnìomhachasan agus choimhearsnachdan neartmhor air a’ Ghàidhealtachd. Tha Plana Gàidhlig HIE airson togail air buannachdan malairteach; le margaidheachd agus sanasachd bhathar; le fàs ghnìomhachasan cruthachail, seirbheisean agus na roinne turasachd.

 

Chuir Sandy Cumming, Ceannard HIE, fàilte blàth air a’ Phlana, "Tha mi air leth toilichte Plana Gàidhlig Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, 2009-12 fhoillseachadh. Tha cinn-ùidhe a’ Phlana a’ sealltainn dè cho mòr sa tha HIE airson is gun leasaich is gum brosnaich sinn a’ Gàidhealtachd mar àite dà-chànanach is sinn a’ coimhead air a’ Ghàidhlig agus air a’ Bheurla le spèis cho-ionnan.

 

"Ann an co-theacs na h-obrach againn a chum gus an tig a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a-mach às a’ chrìonadh chruinneil seo gu sgiobalta, theid coimhead air feartan sònraichte na sgìre mar fhìor mhaitheas dhuinne; nithean a leithid cumhachd ath-nuadhachail agus gu dearbha an dualchas is fèin-aithne Ghàidhealach luachmhor."

 

Lean e air, "Bith àite mòr aig a’ Ghàidhlig ann an cur an gnìomh Ro-innleachd Eaconomach an Riaghaltais (GES) air a’ Ghàidhealtachd ‘s na h-Eilean. An ceann beagan seachdainnean, theid sgioba de luchd-gnìomhachais a thoirt còmhla ach stiùireadh a thoirt dhuinne air leasachadh àite na Gàidhlig ann am fàs seasmhachd eaconomach. Tha HIE cuideachd an sàs an eacarsaidh phrocurement airson seirbheisean leasachaidh Gàidhlig."

 

Thuirt Arthur MacCarmaig, neach-cathrach Bhòrd na Gàidhlig, "Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte a bhith a’ cur fàìlte air a’ chiad Phlana Gàidhlig aig HIE. Tha HIE air a bhith an sàs ann an leasachaidhean cudromach agus taiceil dhan Ghàidhlig bho chionn fhada. Tha cothroman an lùib a’ Phlana seo a bhith a’ cur ri na gnìomhan feumail sin, tro bhith a’ cumail taic ris a’ chànan, a’ togail air na rinneadh roimhe agus a’ toirt na Gàidhlig gu bhith nas follaisiche tro chleachdadh anns an seirbheisean a tha a’ bhuidheann a libhrigeadh. Tha na seirbheisean sin fìor dheatamach ann a bhith a’ cur ri seasmhachd na Gàidhlig agus tha inbhe is dleastanas chudromach aig HIE, cleas bhuidhnean poblach eile, ann a bhith a’ cuideachadh leis a’ Phlana Nàiseanta.  Tha amasan HIE agus Bòrd na Gàidhlig co-ionnan a thaobh fàs is seasmhachd, stèidhichte air neart iomadach seòrsa coimhearsnachd. Tha àite gu math cudromach aig saoghal malairt anns an obair seo a’ leasachadh na Gàidhlig agus tha suidheachadh air leth aig HIE airson a bhith a’ cumail taic ri rùintean leantainneach a’ Bhùird a thaobh sin.

 

Gheibhear Plana Gàidhlig HIE aig www.hie.co.uk/gaelic-plan agus fiosrachadh air an eacarsaidh phrocurement HIE aig www.hie.co.uk/tenders.htm