Monday 12 October 2009

CALMAC A’ CUR LEABHRAN-SANAIS EXPLORE 2010 AIR BHOG AIG A’ MHÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL

Chuir a’ chompanaidh aiseig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn (CalMac) an leabhran-sanais aca, Explore 2010, air bhog aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban an-diugh (Diluain, 12 Dàmhair).

Thuirt Phil Preston, Stiùiriche Rianachd Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn a bha a’ bruidhinn aig an tachartas: “’S e Explore 2010 prìomh leabhran-sanais ChalMac agus ’s e inneal dealbhaidh riatanach a tha ann don a h-uile duine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ siubhal gu na 24 cinn-uidhe far cladach siar na h-Alba a tha lìonradh ChalMac a’ frithealadh.”

Tha facal-toisich ann an Explore am bliadhna-sa bhon chleasaiche John Michie, a tha ainmeil airson a phàirt mar D.I. Ros ann an ‘Taggart’ agus mar neach-aithris den t-sreath aithriseach ‘Made in Scotland.’ Tha e ag innse mu na h-eileanan as fheàrr leis fhèin agus na tursan tlachdmhor a rinn e air lìonradh ChalMac.

Thuirt Phil Preston: “An-uiridh chaidh Explore air an eadar-lìon airson a’ chiad uair agus tha mu 20,000 neach air feadh an t-saoghail air coimhead ris air-loidhne. Tha sinn fìor thoilichte gu bheil na h-uidhir de dhaoine air roghnachadh na tursan aca a chur air dòigh mar seo ach leanaidh sinn air adhart le dreachd chlò-bhuailte den leabhran-sanais a bhios ri fhaotainn aig ionadan-aiseig ChalMac agus air na h-aiseagan againn, a bharrachd air ionadan turasachd air feadh na dùthcha.”

Explore…2

Tha leabhran-sanais Explore 2010 a’ gabhail a-steach clàran-ama ChalMac bho 25 Dàmhair, 2009 gu 25 Màrt, 2010 (Geamhradh) agus 26 Màrt, 2010 gu 23 Dàmhair, 2010 (Samhradh). Tha e cuideachd a’ toirt fiosrachadh mu cheangalan rèile agus bus, taghadh de shanasan àiteachan-fuirich agus molaidhean mu rudan a dh’fhaodas luchd-turais fhaicinn is a dhèanamh mu thimcheall lìonradh ChalMac, agus dealbhannan air an taghadh a chòrdas ri raon farsaing luchd-tadhail.

Tha lethbhreacan de chlàran-ama Geamhraidh ChalMac airson 2009/10, a tha a’ tòiseachadh air an 25 Dàmhair, 2009 cuideachd rim faotainn a-nis bho phuirt, oifisean agus air soithichean.

Cuideachd, cha robh e riamh cho furasta àite a ghleidheadh no fiosrachadh seirbheis fhaotainn, le dà àireamh-fòn an-asgaidh – 0800 066 5000 airson Gleidhidhean agus 0800 066 5400 airson Fiosrachadh Seirbheis.