Chaidh an obair ionmholta a rinneadh le dithis Ghàidheil a thaobh na Gàidhlig a chomharrachadh le Sabhal Mòr Ostaig aig Ceumnachd na Colaiste. Chaidh duais Shàr Ghàidheal a bhuileachadh air an Dr Ceana Chaimbeul às a’Ghriop anns an Eilean Sgitheanach agus air Mgr. Murchadh MacLeòid à Griais ann an Leòdhas mar aithneachadh air na rinn an dithis aca às leth a’ chànain agus foghlam Gàidhlig an Alba.
Thug an Dr Caimbeul iomadh bliadhna a’ teagasg agus mar Cheannard ann an sgoiltean taobh Ghlaschu agus bha i gu mòr an sàs anns an iomairt airson sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns a’ bhaile. Tha i fìor ainmeil mar sheinneadair Gàidhlig agus mar shàr eòlaiche ciùil agus i aig cridhe an ath-bheothachaidh a tha air tighinn air ceòl Gàidhlig bho chionn beagan bhliadhnaichean. Às dèidh a dreuchd mar neach-teagaisg sgoile a leigeil dhith, ghabh Ceana dreuchd mar òraidiche aig an RSAMD a’ teagasg air a’ chùrsa BA Ceòl Albannach agus tha i cuideachd air mòran a dhèanamh as leth a’ chànain is a’ chultair ann an sgìre Ghlaschu tro Chomann Sgitheanach Ghlaschu agus leis An Lòchran, comann ealain a’ bhaile.
‘S e sàr sgoilear a th’ ann am Mgr MacLeòid a choisinn duaisean oilthigh ann an Ceiltis is Laideann nuair a bha e na oileanach aig Oilthigh Obar Dheathain agus a fhuair sgoilearachd bho Cholaiste Immanuel aig Oilthigh Chambridge. Thug Murchadh e fhèin iomadh bliadhna a’ teagasg, an toiseach ann an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh agus an uair sin mar Cheannard air a’ Ghàidhlig ann an sgoiltean air feadh siorrachd Inbhir Nis. Ghluais e gu bhith na neach-sgrùdaidh sgoile (HMI) is bha e còrr is fichead bliadhna san dreuchd. Tha Murchadh cuideachd an dèidh a bhith gu mòr an sàs ann an gnothaichean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig mu thimcheall Inbhir Nis agus tha e na Cheann-feadhna air Comann Gàidhlig Inbhir Nis.
Thuirt Ruairidh Iain MacLeòid, Cathraiche Bhòrd nan Urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig; “Tha e fìor chudromach agus air leth freagarrach gu bheilear a’ toirt aithne is taing do Cheana agus do Mhurchadh air an aon latha is a thathar a’ cur meala-naidheachd air oileanaich na Colaiste. Cha b’ urrainn eisimpleir na b’ fheàrr a bhith aig na h-oileanaich is iad a’ gabhail ceum ùr nam beatha nan dithis aca agus an cuid saothrach a chum maith na Gàidhlig. Tha iad dha-rìreabh nan Sàr Ghàidheil.”
Cheumnaich 45 oileanaich uile gu lèir agus chaidh na teisteanasan a thoirt seachad le Iain Mac a’ Ghobhainn, Iar Phrionnsapal Ionnsachadh is Teagasg, Institiùid OGE nam Mìle Bliadhna, a’ comharrachadh gun robh oileanaich a’ faighinn an ceumannan tro OGE airson a’ chiad turas. Choisinn Iseabail Dick bho Shiorrachd Lannraig a Deas duais OGE airson Oileanach SMO na Bliadhna agus choisinn Angelika Asada-Stieger bhon Eilbheis Duais Cuimhneachaidh Fhearchar Mhic an Tòisich airson an oileanaich a rinn obair aig ìre bharraichte thar nan cùrsaichean gu lèir.
B’ e Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, a thug seachad òraid na Ceumnachd; “Mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig tha mi gu math mothachail air an àite shònraichte a th’ aig Sabhal Mòr Ostaig ann an oideachas na Gàidhlig. Bidh a’ Cholaiste aig teas-mheadhan Plana Nàiseanta na Gàidhlig a lìbhrigeadh agus bidh obair na Colaiste gu math cudromach don iomairt a tha romhainn aig Bòrd na Gàidhlig airson àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh.
“Tha a’ Cholaiste air sealltainn gun urrainn do dh’oileanaich na Gàidhlig a bhith ag ionnsachadh ann an suidheachadh a dh’fhàgadh farmad air oileanaich eile air feadh Alba. Leis gun deach ur n-oideachadh san àite sònraichte a tha seo, tha mi an dòchas gun cùm sibh a’ dol a’ bruidhinn na Gàidhlig; ag ionnsachadh na Gàidhlig; agus gar cuideachadh ann a bhith ga toirt do dhaoine eile.”