Wednesday, 9 December 2009

Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Ealain

a’ foillseachadh Duais Dhòmhnaill Meek
Son a chleachdadh bho seo a-mach

Tha an obair a rinneadh le far de shàr sgoilearan agus foghlamaichean saoghal na Gàidhlig ’ga chomharrachadh às-ùr le Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Ealain, tro dhuais ùr do sgrìobhadairean Gàidhlig.

Chaidh urram ùr – Sàr Ghàidheal – a bhuileachadh air an Àrd Ollamh Dòmhnall Meek a bhoinneas do Thiriodh, nas tràithe air a’ bhliadhna. A nis, bidh “Duais Dhòmhnaill Meek” a’ cumail taic ri innleachdan eile a tha a-measg dhòighean air litreachas na Gàidhlig a chumail suas agus a bhrosnachadh.

Thèid tuilleadh fiosrachaidh agus clàr-ama mun duais ùr, a bhios air a rianachd le Comhairle nan Leabhraichean as leth Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Ealain a tha ’ga mhaoineachadh, fhoillseachadh anns na seachdainnean a tha romhainn.

Thèid a’ chiad Dhuais a thoirt seachad ann an 2010, a’ togail air obair a rinneadh an 2009. Bidh e ag amas air sgìobhadh cruthachail no mu dheidhinn sgrìobhadh Cruthachail.

Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche a’ Bhùird: “Bidh e air leth feumail leithid de dhuais seo a chur ri saoghal litreachais na Gàidhlig agus tha mi an dùil gum bi e na bhrosnachadh do sgrìobhadairean anns gach raon. Tha obair Dhòmhnaill Meek fhèin air aithneachadh fad is farsaing agus bha sinn glè thoilichte nuair a chomharraich e fhèin cho cudromach sa tha an raon seo de shaoghal na Gàidhlig agus a bha e deònach ainm a chur ris an duais.”

Thuirt an t-Ollamh Gavin Wallace, Ceannard Litreachais an SAC: “ ’S e duais air leth cudromach a tha seo a tha a’ comharrachadh an dlùth cheangal a bha eadar Dòmhnall agus Comhairle nan Leabhraichean, agus bidh e na chuideachadh mòr ann a bhith a’ cumail taic ri sgrìobhadh Gàidhlig anns na bliadhnaichean romhainn. Dh’fhaodadh e sgilean aithneachadh ann an sgrìobhadairean ùra, a bhith a’ comharrachadh gnìomhan a rinneadh le sgriobhaiche a th’air a bhith ag obair son greis, no neach measaidh, no gu dearbh na dhuais do sgoilear a tha ùr-nochdadh no mar chomharradh air gnìomhan sgoilearachd a tha aire air sin.”

Thèid tuilleadh fiosrachaidh mun duais is mar a bhios cùisean a’ fuasgladh air a’ bhliadhn ùr fhoillseachadh le Comhairle nan Lebhraichean anns na seachdainnean romhainn agus air leithid làraich- lìn a’ Bhùird agus an SAC.