Wednesday, 9 December 2009

‘Soillseachadh’ ùr Albannach a’ faighinn maoin tasgaidh 
co-obrachail de £5.29 millean

Tha maoineachadh de £5.29 millean airson rannsachadh gus taic is 
ath-bheothachadh a thoirt air cànan is cultar na Gàidhlig gu bhith air a 
cho-roinn eadar ceithir institiudan foghlaim àrd-ìre ann an Alba ann an 
ro-innleachd rannsachaidh ùir.

’S e com-pàirteachais rannsachaidh a tha ann an Soillse, a tha a’ gabhail 
a-steach Institiud nam Mìle Bliadhna (OGE) agus Oilthighean Obar Dheathain, Dhun Èideann agus Ghlaschu. Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) a’ cur £1.866 millean ris le £2.483 millean a’ tighinn bho na h-institiudan, £0.541 millean bho Bhòrd na Gàidhlig agus £0.4 millean bho Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean.

Thèid am maoin tasgaidh a chleachdadh gus sàr luchd-rannsachaidh fhastadh, naoi sgoilearachdan ollamhachd a stèidheachadh thar nan institiudan com-pàirteachaidh, le co-dhiù ceithir dhiubh an co-bhoinn ri buidhnean aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, agus co-labhairt bliadhnail air a chumail gus lorgaidhean nan rannsachaidhean a thaisbeanadh.

Bidh e na phrìomh dhleastanas aig Soillse fios a chumail ri Riaghaltas na 
h-Alba mu na prìomhachasan eaconomach is sòisealta airson na Gàidhlig. Bidh na ceithir institiudan ag obair an com-pàirt le prìomh bhuidhnean, leithid Bhòrd na Gàidhlig, gus am fiosrachadh a chaidh a chruinneachadh bhon rannsachadh a cho-roinn airson fios a chumail ri oidhirpean nàiseanta is ionadail gus tionndadh a thoirt air crìonadh na Gàidhlig agus gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an ceàrnaidheanan far nach eilear ga bruidhinn gu dualchasach.

Thuirt Mark Batho, Àrd-oifigear an SFC: “Tha eachdraidh bheairteach is ioma-dhathach aig Alba agus chluich a’ Ghàidhlig pàirt chudromach san eachdraidh sin. Tha sinne dhan bheachd gu bheil e cudromach gum bi cànan is cultar na Gàidhlig air a bhrosnachadh gus a bhith a’ cinneachadh is a’ leasachadh agus tha mi toilichte gun urrainn dhuinne agus na 
com-pàirtichean eile rannsachadh a mhaoineachadh gus am pàirt sònraichte seo de dhearbh-aithne na h-Alba a chumail beò.”
Thuirt Mìcheal Ruiseal, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha: “Tha mi cinnteach gun cluich an com-pàirteachas seo pàirt chudromach ann a bhith a’ dealbhadh mar a bhios sinn a’ gluasad air adhart le ar n-obair ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig thar nam
bliadhnaichean a tha romhainn.

“Feumadh sinn ginealach ùr de luchd-labhairt Gàidhlig a chruthachadh gus
meur bheairteach de bheatha chultarail na h-Alba agus coimhearsnachd
cànain sònraichte ann an Alba a dhìon.

“Seach gu bheil com-pàirtichean Soillse sgaoilte air feadh gach
ceàrnaidh den dùthaich, chithear gu bheil oidhirpean ga dèanamh air
feadh Alba gus stad a chur air an crìonadh ann an àireamh luchd-labhairt
na Gàidhlig.”