Na cleachd ro 1800, Monday, December 7, 2009
Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann poblach le uallach airson leasachadh na Gàidhlig, air fàilte a chur air an taic a nochdas Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam Micheil Ruiseal dhan chànan a nochd.
A’ bruidheann aig Òraid Bhliadhnail an t-Sabhail anns an Eilean Sgitheanach (Diluain, Dùbhlachd 7), canaidh Mghr Ruiseal “nach urrainear a dhol as àicheadh na Gàidhlig mar phàirt de ar dualchas” agus gu bheil e “ceart gun rachadh a’ Ghàidhlig fhaicinn agus a chluinntinn.”
Thuirt Cathraiche a’ Bhùird Art MacCarmaig gu bheil an òraid gu bhith “farsainn, le beachdan fìor chumhachdach agus làidir na theachdaireachd gu buidhnean Gàidhlig agus Coimhearsnachd farsainn na h-Alba gluasad air cùisean.” Chuir Mghr MacCarmaig fàilte cuideachd air beachd gum bu chòir a bhith ag amas nas cinntiche air ionnsachadh na Gàidhlig. Thuirt e: “Tha sinn a’ cur fàilte air an impidh a tha a’ sìor nochdadh bhon Riaghaltas an Alba mu choinneimh an taic dhan Ghàidhlig, a’ stèidheachadh slighe romhainn a bhios beothail, tèarainte agus maireannach. ’S e ceum gu math cudromach a tha seo ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid uile-rùn Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a thoirt gu ìre, mar dhòigh cuideachd air a bhith a’ deisealachadh airson an ath Phlana. Tha am Ministir a’ gEalltainn gun tèid barrachd a dhèanamh airson a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig agus tha e ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail agus Coimhearsnachd na Gàidhlig co-obrachadh ach am buinnig iad le chèile rùintean a tha reusanta a thaobh follaiseachd agus modhan pragtigeach airson a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig. Tha mi cuideachd a’ gabhail ris na tha e ag ràdh mu bhith èifeachdach agus sùbailte nar dòighean obrach agus tha sin air a bhith na dhùbhlan nach gabh seachnadh.”
Dh’innis an Cathraiche cuideachd gu bheil e am beachd a’ Bhùird Plana Gnìomh a thoirt dhan Mhinistir le uallach airson na Gàidhlig a’ mìneachadh na ceumanan pragtigeach a thathas ag iarraidh a ghabhail airson amasan a’ Phlana Nàiseanta a thoirt gu ìre ann an dòigh nas luaithe na bhathas a’ sùileachadh. Thuirt e “Chan eil am Plana seo idir a’ cur às dhan Phlana Nàiseanta. S ann a tha e a’ cur impidh air, agus gar gluasad aig astar, taobh staigh gach stòras a tha ri fhaotainn an dràsta. Bidh sinn an dùil barrachd de ar stòras a chleachdadh tron luchd-ionnsachaidh. Tha sinn air a bhith an coluadar le na buidhnean a tha an dràsta a’ lìbhrigeadh leasachadh na Gàidhlig agus bidh sin a’ leantainn aig coinneamh de na buidhnean anns an t-Sabhal Mhòr a-màireach. Bidh am Bòrd fhèin a’ deasbad a’ Phlana Gnìomh air an 15mh dhen mhìos seo agus tha mi an dòchas gum bi e an làmhan a’ Mhinistir ron Nollaig. Bheireadh sin dhuinn cothrom gluasad le sìnteig dhan Bhliadhn Ùir, agus bu chòir gum biodh an loidhn’ ùr a tha sinn a’ toirt air structar a’ Bhùird deiseil agus an luchd-obrach ùr againn uile air am fastadh. Bidh sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas a dhèanamh cinnteach gum bi Plana Gnìomh againn a bhios adhartach agus beachdail le amasan agus ceann-uidhe gu math soilleir.”