Thursday, 21 May 2009

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air seicichean Gìdhlig leis a’ Bhanca Rìoghail

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte

air seicichean Gìdhlig leis a’ Bhanca Rìoghail


Chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air dearbhadh gu bheil Banca Rìoghail na h-Alba deònach gabhail ri seicichean le briathrachas Gàidhlig.


Sgrìobh Cathraiche a’ Bhùird Art MacCarmaig gu Ceannbhair a’ Bhanca Rìoghail Stephen Hester ag iarraidh air cead a thoirt a bhith a’ gabhail ri leithid de sheicichean. Nis, an dèidh coinneachadh ri riochdairean bhon Bhanca Rìoghail ann an DunEideann còmhla ri Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar Alasdair Allan, tha am Banca air leigeil fhaicinn gu bheil iad deònach gabhail ri seicichean le briathrachas Gàidhlig.


Seo mar a dh’aontaich na bha an làthair a’ chùis aig a’ choinneamh.


“Tha sinn uile mothachail gu bheil cùisean rin rèiteach a thaobh cleachdaidhean agus modhan-obrach, leithid a-measg luchd-bhùitean agus luchd-malairt eile air feadh na dùthcha ma bhios aca ri seicichean a làimsheachadh le briathrachas Gàidhlig.   Tha am Banca Rìoghail ged tha air a bhith adhartach agus cuideachail ann a bhith a’ sireadh fuasgladh air na ceistean seo agus deònach a’ chùis a thoirt air adhart. Chan eil teagamh nach eil am Banca Rìoghail fìor thaiceil do choimhearsnachd na Gàidhlig agus tha sinn a’ cur fàilte air mar a thathas a’ daingneachadh sin, agus tha sinn gu mòr nan comainn airson na tha iad ag iarraidh a dhèanamh airson Gàidhlig a thoirt air adhart agus fhoillseachadh, an dà chuid tron obair aca agus tron taic a tha iad a’ toirt do thachartasan cultarail.  Tha fiughar again a-nis ri bhith a’ togail air sin agus ag obair còmhla son seasmhachd na Gàidhlig a neartachadh an co-bhuinn ri coimhearsnachd na Gàidhlig gus an soirbhich sinn le chèile.”


Chuir Art MacCarmaig fàlte air taic a’ Bhanca Rìoghail. Thuirt e: “Bha sinn gu math draghail nuair nochd an naidheachd gu robh e coltach nach biodh am Banca a’ gabhail ri seicichean le briathrachas Gàidhlig, agus gum biodh sin a’ lagachadh cleachdadh na Gàidhlig anns an obair aca an raon nas fharsainne. Bu mhath leinn a’ nis a bhith an coluadar le bancaichean eile agus buidhnean ionmhais feuch an gabh cleachdadh na Gàidhlig sgaoileadh nas fharsainne ann an cleachdaidhean obrach agus modhan dèiligeadh ris a’ mhòr-shluagh, air loidhne agus nan obair làitheil.  Tha mi air leth toilichte leis a’ chòmhradh a bh’againn leis a’ Bhanca Rìoghail agus tha mi làn chinnteach gum bi ceum mar seo air leth cuideachail anns an oidhirp a tha sinn a’ dèanamh gu bhith lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig.”


Thuirt Anita Hunt, Àrd-Stiùiriche Roinneil a’ Bhanca Rìoghail: “Tha am Banca Rìoghail air a bhith a’ frithealadh nan Eilean Siar agus luchd labhairt na Gàidhlig airson 180 bliadhna. Tha sinn gu cùramach a’ gabhail an uallaich mu ar luchd-cleachdaidh anns gach coimhearsnachd. Tha sinn an còmhnaidh ag atharrachadh modhan-obrach a–rèir feumalachdan agus tha sinn a’ freagairt agus a’ fuasgladh gach ceist mar a thig iad thugainn. Tha a’ Ghàidhlig gu follaiseach air leabhraichean sheicichean, air bancaichean agus carbadan agus bidh sinn a-nis a’ leasachadh chùisean. Tha sinn a’ gabhail ri seicichean le briathrachas an Gàidhlig an dèidh beachdan a thàinig thugainn a mheasadh. Tha sinn fìor dheònach a bhith ag èisteachd ri beachdan air dòighean anns an gabh seirbhisean a leasachadh airson ar coimhearsnachdan agus bidh sinn toilichte còmhraidhean eile a chumail le Alasdair Allan BPA agus Bòrd na Gàidhlig mun t-slighe air adhart.”



Airson tuilleadh fiosrachaidh mu ghnothach sam bith a th’anns an Naidheachd seo bho Bhòrd na Gàidhlig, cuiribh fios gu Uisdean MacillInnein air 0751 528 7040.  


Faic cuideachd làrach lìn Bhòrd na Gàidhlig: www.bord-na-gaidhlig.org.uk


Faicibh cuideachd:  www.mygaelic.com


Foillsichte: Dihaoine, Cèitein 15, 2009