Friday, 22 May 2009

Dòmhnall Meek

Bòrd na Gàidhlig a’ comharrachadh

Dòmhnall Meek mar Shàr Ghàidheal 


Chaidh an obair a rinneadh le far de shàr sgoilearan agus foghlamaichean saoghal na Gàidhlig a chomharrachadh le Bòrd na Gàidhlig, a th’air urram ùr – Sàr Ghàidheal – a bhuileachadh air an Àrd Ollamh Dòmhnall Meek a bhoinneas do Thiriodh. Tha e cuideachd air urram fhaighinn bho Chomhairle nan Ealain a th’air ainm a cheangal ri duais ùr do sgrìobhadairean Gàidhlig


Tha urramn an t-Sàr Ghàidheil air a bhuileachadh an seo airson a’ chiad uair, duais a tha ag aithneachadh gnìomhan ionmhalta às leth na Gàidhlig agus bidh “Duais Dhòmhnaill Meek” a’ cumail taic ri innleachdan eile a tha a-masg dhòighean air litreachas na Gàidhlig a chumail suas agus a bhrosnachadh.


Tha Dòmhnall Meek fhathast an sàs ann an dà chomataidh foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig an dèidh a dhreuchd mar Àrd Ollamh Gàidhlig agus Gnothaichean Albannach ann an Oilthigh Dhùn Èideann a leigeil dheth aig deireadh 2008.


Chaidh a’ chuid sgoilearachd is eile a chomharrachadh roimhe seo le Oilthigh Obair Dheathain a dh’fhoillsich iris shònraichte de Scottish Gaelic Studies (Caindel Alban : fèill-sgrìobhainn do Dhòmhnall E Meek) anns an robh 600 duilleag de sgrìobhaidhean is eile bho eòlaichean agus co-oibrichean a bh’air a bhith an sàs ann an cùisean còmhla ris thar nam bliadhnaichean.


Chruinnich grunn de charaidean is eòlaichean Dhòmhnaill gu cuirm an Glaschu an raoir (Diardaoin 21 Cèitein) air aoigheachd Bhòrd na Gàidhlig gu Ionad na Pìobaireachd a chomharrachadh cuid de na gnothaichean eile anns an robh e an sàs. Chaidh duais an t-Sàr Ghàidheil a thoirt seachad le Anna NicSuain, Iar Neach Cathrach a’ Bhùird. Chaidh port ùr – Professor Donald Meek of Tiree - a chaidh a sgrìobhadh leis an neach ciùil ainmeil à Tiriodh Aonghas MacPhàil cuideachd a thoirt dha.


Thuirt Rosemary Nic a’Bhàird, Ceannard an Gnìomh Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Dòmhnall Meek air a bhith na dheagh charaid agus na ghaisgeach do shaoghal na Gàidhlig agus tha e air a bhith na bhall cudromach de dh’iomadach iomairt is gluasad thar nam bliadhnaichean, agus fhathast an sàs ann an iomadh cùis a tha a’ fuasgladh romhainn.  Bha an obair a rinn e air Buidhean Comhairleachaidh an Riaghaltais (MAGOG) ann an 2001-2 fìor chudromach agus se sin a thug dhuinn rè ùine Bòrd na Gàidhlig ann an 2003. Tha Dòmhnall air a bhith a’ cur gu mòr ri leasachadh na Gàidhlig fad bhliadhnaichean agus gu sònraichte ann an raon an fhoghlaim. Tha a’ chliù air aithneachadh fad is farsainn agus bidh buaidh aig a chuid-gnìomha fad bhliadhnaichean air thoiseach. Tha sinn air leth toilichte gu bheil e deònach a cheanglan a chumail le Bòrd na Gàidhlig agus gum bi buaidh aige fhathast air na tha sinn a’ dèanamh agus tro ghliocas agus a chuid comhairle is fiallaidheachd gun tèid againn air ar rùintean airson seasmhachd na Gàidhlig a dhaingneachadh. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh is sonais do Dhòmhnall agus Rachel nan saoghal ùr anns an Eaglais Bhreac agus an Tiriodh agus a-mach bho sin, agus an dòchas gum bi a chuid gnìomha a’ togail bhàtaichean a-nis agus na eachdraiche air saoghal na mara a’ cheart cho luachmhor agus toileach dha fhèin agus a bha saoghal na sgoilearachd.”


Tha Comhairle nan Ealain agus Bòrd na Gàidhlig a-nis air tighinn còmhla a chur air adhart duais ùr do sgrìobhaichean - Duais Dhòmhnaill Meek (the Donald Meek Literary Award) a bhios ag amas air sgrìobhaichean sgoilearan òga. Thèid an duais a fhrithealadh le  Comhairle nan Leabhraichean, agus thèid barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh mun seo ann an ùine nach bi fada.Thuirt an t-Ollamh Gavin Wallace, Ceannard Litreachais an SAC: “ ’S e duais air leth cudromach a tha seo a tha a’ comharrachadh an dlùth cheangal a bha eadar Dòmhanall agus Comhairle nan Leabhraichean, agus bidh e na chuideachadh mòr ann a bhith a’ cumail taic ri sgrìobhadh Gàidhlig anns na bliadhnaichean romhainn. Dh’fhaodadh e sgilean aithneachadh ann an sgrìobhadairean ùra, a bhith a’ comharrachadh gnìomhan a rinneadh le sgriobhaiche a th’air a bhith ag obair son greis, no neach measaidh, no gu dearbh na dhuais do sgoilear a tha ùr-nochdadh no mar chomharradh air gnìomhan sgoilearachd a tha aire air sin.”


Bòrd na Gàidhlig:  www.bord-na-gaidhlig.org.uk

Faic cuideachd:  www.mygaelic.com