Tuesday, 16 June 2009

Son a chlchdeadh bho Dhiluain

Bòrd na Gàidhlig an co-chonaltradh

le luchd-teagasg ùra


Cleachdadh : Son a chlchdeadh bho Dhiluain, : Ògmhìos 15, 2009


Thèid cuid de na prìomh cheistean ann am foghlam Gàidhlig a chur fon phrosbaig aig coinneamh an Glaschu de luchd-teagasg a th’air ùr-thòiseachadh ’nan dreachdan. Mairidh a’ choinneamh, a tha a’ tòiseachadh an diugh (Dilian an 15mh) dà latha.

Chaidh a’ choinneamh a chur air dòigh le Bòrd na Gàidhlig agus tha e ag amas gu sònraichte air luchd-teagasg nach eil air a bhith ag obair ach airson bliadhna. Bidh an co-chonaltradh a’ cur fàilte air an fheadhainn a th’air ùr-thòiseachadh agus a’ toirt dhaibh cothrom a bhith a’ togail air leasachaidhean agus a’ rannsachadh cothroman a tha romhpa, agus dùbhlain a tha man coinneamh. Bidh iad ’gan comhairleachadh cuideachd le eòlaichean a tha air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnaichean agus a’ cluinntinn bho luchd-trèanaidh bho dhiofar roinnean de shaoghal foghlaim.

Tha luchd-teagasg bho air feadh na dùthcha gu bhith an làthair bho roinnean leithid leasachadh cànain, measadh chloinn-sgoile, leasachadh curriculam agus leasachadh luchd-obraich.  Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Ceannard an Gnìomh Bhòrd na Gàidhlig: “Thathas ag amas gu sònraichte an dràsta air a bhith a’ trusadh agus a’ fastadh luchd-teagaisg thar a h-uile raon de dh’fhoghlam. Tha sinn cuideachd gu math mothachail ged tha gum feum sinn a bhith a’ tairgse taic is cobhair do luchd-teagasg a tha air ùr-thòiseachadh no nach eil a air a bhith fada ’nan dreuchdan, air ceistean leithid leasachadh proifeiseanta agus na h-atharraichean mòra a tha a’ tachairt ann am foghlam. Tha e fìor chudromach gun urrainn dhuinn a bhith a’ coimhead air adhart agus tha prìomhachas aig an luchd-teagasg an sin iad fhèin, gu sònraichte a thaobh a bhith a’ comharrachadh càite a bheil uireasbhaidhean agus feumalachdan a thaobh trèanadh agus dìth ghoireasan. ’S e àm inntinneach le iomadh dùbhlan a tha seo ann an saoghal an fhoghlaim ach le na cothorman a tha “A Ciurriculum for Excellence” a’ tairgse do luchd-teagasg tha e cudromach gum bi sinn uile adhartach agus air thoiseach. Tha leithid de cho-chonaltradh seo a’ tairgse cothrom agus ùine dhan luchd-teagasg a bhith a’ meòrachadh air na tha romhpa agus cuideachd a bhith an coluadar mu dhòighean obrach a tha soirbheachail ann an cuid de roinnean cudromach.”

Bidh a’ cho-labhairt a’ dèiligeadh ri cuspairean leithid leasachaidhean ann an deuchainnean, teagasg matamaig tro Ghàidhlig, leasachadh cànain agus cleachdaidhean gu sònraichte ann an suidheachaidhean bogaidh, teicneòlas ùr agus ciamar a thèid cuspairean àrd-sgoile an lìbhrigeadh tro Ghàidhlig.

’S i Angle a NicIlleBhrath, Oifigeach Fasdaish Luchd-teagaisg na Gàidhlig aig a’ Bhòrd a tha air cùl a’ cho-chruinneachaidh. Thuirt ise: “Seo an dàrna cruinneachadh dhe leithid agus tha fhios againn bhon luchd-teagasg fhèin cho cudromach is a tha e dhaibh gum bi cothroman mar seo aca agus iad a’ gabhail na chiad ceumanan aca an saoghal foghlaim.  Tha e gu math feagallach aig àmannan do luchd-teasgasg ùra a bhith ag amharc romhpa agus tha a’ cho-labhairt seo na phàirt dhen ro-innleachd nàiseanta againn a bhith a’ cur ri àireamh luchd-teagasg na Gàdhlig air feadh Alba agus se aon dòigh air a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ trusadh agus a’ fasdadh barrachd dhaoine, a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ cuideachadh luchd-teagasg ùra le bhith a’ tairgse taic agus comhairle a tha freagarrach aig àm gu math cudromach dhaibh ’nan dreuchdan.”