TOGAIBH BRATACH NA GÀIDHLIG – GU BUANNACHD UR N-OBAIR MHALAIRT
Tha cothrom aig luchd-malairt, air feadh Eileanan Innse Gall agus mòr-thìr Taobh Siar na Gàidhealtachd, barrachd sanasachd a dhèanamh air an obair no an t-seirbheis aca tron iomairt thurasachd, Cearcaill na Gàidhlig.
Tha Cearcaill na Gàidhlig ag iarraidh air gnìomhachasan de gach seòrsa agus meud – às bith an e àite-fuirich, cafaidh, taigh-seinnse, ionad chur-seachadan a-muigh, bùth ionadail, àite no làrach air an tadhail luchd-turais, seirbheis gnìomhachais, ionad coimhearsnachd no eile a th’ ann – a dhol an sàs san iomairt thurasachd aca agus iad a’ faighinn àite air liosta, saor ’s an asgaidh, de luchd-malairt air an làrach-lìn www.gaelic-rings.com.
Chaidh an iomairt thurasachd Cearcaill na Gàidhlig fhoillseachadh ann an 2007. Tha iad a’ dèanamh sanasachd air cànan agus dualchas brìoghmhor nan Gàidheal, agus air an àite chudromach a bh’ aig Gàidhlig ann an eachdraidh na h-Alba, agus gu dearbh, a’ sealltainn mar a tha Gàidhlig fighte a-staigh ann an saoghal ar latha fhìn.
Tha na sia slighean aig Cearcaill na Gàidhlig a’ toirt a-steach nan eilean bho Ìle gu Leòdhas agus mòr-thìr Taobh Siar na Gàidhealtachd bho Cheann na Creige gu Ulapul.
Thuirt Joe Mac a’ Phì, Ceannard a’ Phròiseict airson Cearcaill na Gàidhlig agus Ceannard Leasachaidh Eaconamach Chomhairle nan Eilean Siar: “Am measg nan rudan a tha sinn a’ dèanamh ann 2009, tha leasachaidhean mòra dhan làrach-lìn aig Cearcaill na Gàidhlig, agus an lùib sin bidh cruinneachadh ùr chlàran-siubhail ag innse mu gach roghainn siubhail eadar rathaidean, aiseagan, plèanaichean agus trèanaichean.
“Tha na ceudan de luchd-malairt ionadail a’ toirt taic do Chearcaill na Gàidhlig mu thràth, agus tha e na mhòr-thoileachas dhuinn gu bheil sinn a’ leudachadh ar lìonra malairt agus sinn a’ toirt cothrom do ghnìomhachasan ionadail a dhol an sàs ann. Mar thoradh, nì iad sanasachd air an obair no an t-seirbheis aca air feadh na dùthcha agus an t-saoghail mhòir.”
A bharrachd air àite air liosta an làraich-lìn, gheibh gach gnìomhachas stuthan margaideachd mar bhileagan is postairean, saor ’s an asgaidh, a chuidicheas iad innse do dhaoine nan sgìre fhèin mar a tha iad an sàs anns na Cearcaill.
Mar leasachadh air an làrach-lìn, bidh grunn dhuilleagan rim faotainn ann am Fraingis, Gearmailtis, Eadailtis, Spàinntis, Dùitsis, Cuimris, Gaeilge, Breton, Sìonais,agus Iapanais. Agus seo a’ ciallachadh gum faod daoine bho air feadh an t-saoghail leughadh mu na Cearcaill agus iad a’ tarraing luchd-turais aig a bheil ceangal ri no ùidh ann an Innse Gall no mòr-thìr Taobh Siar na Gàidhealtachd.
Ma tha sibh ag iarraidh ur gnìomhachas a chlàradh air www.gaelic-rings.com, cuiribh ur fiosrachadh le ur toil gu business@gaelic-rings.com.