Wednesday 17 June 2009

Taic do chothroman ionnsachaidh

Taic do chothroman ionnsachaidh 

cànain le Colmcille


Gheibh luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba a tha airson Gaeilge na h-Eireann ionnsachadh agus a leithid eile bho thaobh thall Sruth na Maoile  an cothrom cànain a’ chèile ionnsachadh agus a thoirt air adhart tro chùrsaichean a thèid a chumail anns an Eilean Sgitheanach agus an Ìle air an t-samhradh seo.


Tha na cùrsaichean, a bhios a’ frithealadh agus a’ togail air diofar ìrean cànain, ’gan cur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig agus Ionad Chlm Cille an Ìle agus bidh iad a’ dol air adhart fad mhìosan an t-samhraidh. Tha taic airgid ’ga thairgse tro ghrantaichean bho phròiseict Cholmcille (a bha roimhe seo air ainmeachadh mar Iomairt Cholm Cille, ICC no an Columba Initiative), agus a tha a-nis a’ tighinn fo sgèith agus stiùireadh  Bhòrd na Gàidhlig and Foras na Gaeilge mar phàirt dhen obair aig an dà bhuidhinn ann an Alba agus Eireann.


Thuirt Oifigeach Leasachaidh Cholmcille an Alba Màiri Mhoireach: “Tha sinn airson cothrom a thort tro na cùrsaichean seo do dhaoine aig a bheil ìrean eadar-dhealaichte dhen dà sheòrsa Gàidhlig an sgilean còmhraidh is eile a thoirt air adhart anns a’ chànan eile mar gum biodh.  Tha an seòrsa cùrsa seo a’ toirt fìor dheagh fhuasgladh dhuinn airson a bhith a’ brosnachadh iomairtean càch a’ chèile agus a bhith a’ togail air feumalachdan an dà chànain ann an Alba agus Eireann.  Tha e a’ toirt togail dhan ìomhaigh aig an dà chànan air feadh Eireann agus ann an Alba. Tha ar cànan ’na dhualchas a tha ’gar ceangal agus ’gar tarrainn ri chèile agus mar is mò a bhios sinn an coluadar agus a’ co-obrachadh, ’s ann as fheàrr a tha cothrom gu bhith againn saoghal seasmhach a chur romhainn.”


Tha taic airgid ’ga thairgse do luchd-ionnsachaidh airson nan cùrsaichean agus cuid-oidhche (5 oidhche). Bidh cothrom ann cuideachd na h-uibhir de chuideachadh fhaighinn le cosgaisean siubhail.  Ma tha luchd-ionnsachadih a’ fuireach ann an Alba, agus a’ còmhnaidh barrachd air 25 mìle bhon ionad ionnsachaidh, tha suas ri £25 ri fhaighinn. Taobh-muigh na h-Alba, ach taobh-staigh an UK agus Poblacht na h-Eireann, gheibhear suas gu £75.  Gheibhear na cosgaisean air ais le dearbhadh cunntasan is cosgaisean an dèidh làimhe.



Ma tha luchd-ionnsachaidh a’ fuireach ann an Alba, agus nas sinne na 16 agus a’ cosnadh nas lugha na £18,000, tha cothrom air taic airgid suas gu £200 bho ILA Scotland. Ghiebhear barrachd fiosrachaidh mun sin bhon fheadhainn a tha a’ cur nan cùrsaichean air dòigh.


Tha barrachd fiosrachaidh mu na cùrsaichean le cinn-latha, ìrean cànain agus eile ri fhaotainn air an làrach-lìn:  HYPERLINK "http://www.colmcille.net/" www.colmcille.net 


Bu chòir iarrtasan-taice a chur a-staigh ro Dihaoine 03 Iuchair aig 5 uairean feasgar. Seach nach eil ach na h-uibhir de thabhartasan rin toirt seachad, bu chòir fios a chur a-staigh cho luath sa ghabhas.



Colmcille promotes Gaelic and 

language learning opportunities


Speakers of Scottish Gaelic who wish to learn Irish Gaelic and speakers of Irish Gaelic who wish to learn Scottish Gaelic are being offered the chance to share in each other’s linguistic heritage through a series of summer courses in Skye and Islay this summer. 


The courses, which will offer learners with a variety of levels of fluency the chance to enhance their skills, are being organised by Sabhal Mòr Ostaig in Skye and Ionad Chaluim Cille in Islay and will be held in throughout the summer months until September. Financial assistance through bursaries is being offered to support learners by the Colmcille project (formerly known as Iomairt Cholm Cille, ICC or the Columba Initiative), which is jointly managed by Bòrd na Gàidhlig and Foras na Gaeilge as part of their mainstream activities in Scotland and Ireland.

  

Colmcille’s Scottish development officer Mairi Murray said:  “The courses we are offering provide Gaelic and Gaeilge speakers the chance to come together to improve their skills in each other’s language. This kind of initiative is the perfect platform for us to develop our activities jointly to promote the use of the Gaelic languages, Irish and Scottish Gaelic, in and between Ireland and Scotland. It helps us to raise awareness of the shared Gaelic heritage, language and culture of Northern Ireland, Scotland and the Republic of Ireland.  Our common language is the shared heritage we all want to use to build a sustainable future and the more we can engage with each other in this way, the further we can take that shared heritage together.”


Financial assistance is available to learners to cover tuition fees for the courses and accommodation for the duration (5 nights). A contribution can also be made towards travelling costs.  For residents of Scotland, living more than 25 miles away from the course venue, up to £25 is available.  For those outside Scotland, but within the UK and Republic of Ireland, up to £75 is available.  This is payable at the end of the course on production of receipts showing expenditure.


Residents of Scotland, aged 16 and over who earn less than £18,000 or who are on benefits, may be entitled to support of £200 from ILA Scotland.  Please contact the course provider in the first instance.



Application forms for the courses and full details of the various levels, including dates and other arrangements are available at  HYPERLINK "http://www.colmcille.net/" www.colmcille.net 


The closing date for applications is Friday, 03 July at 5.00pm. However, as bursary numbers are limited, and they are awarded on a first come, first served basis, it is recommended that learners submit applications as soon as possible.